Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon Iar-dheas
EXTERNAL ID
HCD_CARD_190
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12977
KEYWORDS
Port Rìgh
eaglais Easbaigeach
Ach a' Bhàigh
Ach an Iasgair
croitean
Am Meall
eaglais
Talla Cruinneachaidh
Portree from S.W.

Tha an dealbh-camara seo a' coimhead gu tuath gu baile Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Bha planaichean aig Sir Seumas MacDòmhnaill Shlèite ann an 1763 airson leasachadh eaconamach agus àiteachais a' bhaile, ach gu mì-shealbhach bhàsaich e agus gun e ach 24. Cha deach a phlanaichean mòra a choileanadh a-riamh, ach mean air mhean dh'fhàs am baile mun chala fhasgach a bha na mheadhan airson beatha làitheil agus malairt na ceàrnaidh, agus thàinig e gu bhith mar am baile bu mhotha air an eilean.

'S e Ach a' Bhàigh a chanar ris a' cheàrnaidh ris a' chladach air an taobh dheas, agus tha Ach an Iasgair air an taobh chlì. Chaidh taighean beaga croite a thogail ris a' chladach aig Ach an Iasgair, le croitean a' sìneadh a-steach air an tìr air an cùlaibh nan sriopan fada, caola. Le leasachadh mean air mhean air na rathaidean, cha robh àite cho cudromach aig a' chala ann an eaconamaidh an eilein. Sgaoil am baile a-steach air an tìr le taighean agus gnìomhachasan gan togail air falbh bhon chala, agus timcheall air a' phrìomh cheàrnaidh mun cuairt Ceàrnag Shomhairle. Tha mullach cas Eaglais na h-Alba ann an Ceàrnag Shomhairle ann am meadhan an deilbh seo.

'S e rubha nàdarra a th' anns A' Mheall a tha a' dol a-mach do Bhàgh Phort Rìgh. Air aon taobh bha Am Meall na stèidh nàdarra airson an cidhe agus an laimrig a thogail. Sna seann làithean, bhiodh an cidhe air a bhith aig meadhan beatha làitheil Phort Rìgh le iasgach agus giùlan dhaoine, litrichean agus bathar air a dhèanamh taobh na mara. Chaidh Am Meall a chur a-mach mar phàirc tràth anns an 19mh linn. Chaidh clach a chladhach an dèidh sin, agus chaidh cuid dhith a cleachdadh gus Talla Cruinneachaidh an Eilein a thogail ann an 1879. Tha Geamachan Gàidhealach air a bhith air an cumail air A' Mheall a h-uile samhradh bho 1877.

Ann am meadhan an deilbh air an taobh chlì, tha an Eaglais Easbaigeach a chaidh a thogail ann an 1884, le tùr sònraichte, follaiseach am measg nan achaidhean lom. Tha e clàraichte cho tràth ri 1892 gum feumaist càradh a dhèanamh air an tùr. Ann an c1915 bha an tùr a' feumachdainn uinneag ùr agus dh'fheumadh an làr a bhith air ath-chrochadh. Bha liosta ann de dh'obair càraidh a bha a' feumachdainn aire agus airgead, agus chaidh a leagail mu dheireadh ann an 1953

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon Iar-dheas

INBHIR NIS: Port Rìgh

1910an

Port Rìgh; eaglais Easbaigeach; Ach a' Bhàigh; Ach an Iasgair; croitean; Am Meall; eaglais; Talla Cruinneachaidh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards