Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon Raon Goilf, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_192
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1910an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12979
KEYWORDS
bailtean
sgoiltean
ostailean
taighean nam bochd
lochan muilinn
Portree from Golf Course, Skye

Tha an sealladh seo de Phort Rìgh bhon iar a' coimhead gu Bàgh Phort Rìgh le Beinn Tianabhaig air an taobh dheas, Beinn Chracaig air an taobh chlì agus Eilean Ratharsair ri cùl na deilbhe. Tha beul a' Bhàigh mu mhìle gu leth a dh'fhaide agus tha e a' dèanamh na shlighe bhrèagha a-steach don Eilean Sgitheanach. Chithear beagan de Ghob Riosgaig an seo. Tha seo a' sìneadh a-mach don bhàgh gus Camas Bàn a dhèanamh. Bidh daoine às an sgìre gu tric a' gabhail picnic ann.

Tha am Meall no an Lump, ann am meadhan na deilbhe agus chithear taighean-croite beaga Bayfield (no An Sligneach) air an sgapadh ri taobh a' chladaich. Ann an cunntas-sluaigh 1851 is e Sligneach, a bh' air na taighean seo ach às dèidh seo, is e Bayfield a bh' air an àite. Bha an togalach mòr a tha ri aghaidh na deilbhe air an taobh chlì uair na thaigh nam bochd, ach chaidh fhosgladh mar mar Òstail Nighnean Margaret Carnegie ann an 1924, airson sgoilearan na h-Àrd-sgoil a bha fuireach ro fhada bhon sgoil airson a bhith a' dol dhachaigh gach latha. Dìreach air cùl seo air taobh dheas an ostail, tha àrd-sgoil Phort Rìgh fhèin. Chaidh an togalach Bhictorianach brèagha seo a leigeil tràth sna 1970an agus chaidh sgoil tòrr nas motha a thogail na àite, a bha ann an stoidhle an latha. Thathar a-nis air an sgoil sin a leigeil agus tè ùr a thogail air an làraich.

Tha loch a' mhuilinn ri fhaicinn ri aghaidh na deilbhe. Bhiodh seo a' toirt seachad cumhachd don mhuileann clòimhe aig an àm sin. Chaidh an Club Goilf ann am Port Rìgh fhosgladh gu h-oifigeil anns a' Mhàirt 1905 airson a bhith a' toirt seachad "means of recreation and amusement for visitors." Tha an club goilf a chaidh ainmeachadh air tiotal na cairt air a bhith dùinte bho chionn fhada agus tha raon iomain agus taigh-club a-nis air pàirt den làraich.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon Raon Goilf, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1910an

bailtean; sgoiltean; ostailean; taighean nam bochd; lochan muilinn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards