- TIOTAL
- Ostail Bhalach Eilginn, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_193
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12980
- KEYWORDS
- òstailean
togalaichean an ùghdarrais ionadail
sgoiltean

Thogadh Ostail Eilginn, a dhealbh fear Seumas Shearer, ann am Port Rìgh tràth sna 1930an gus àitean-fuirich a chumail ri balaich Àrd-sgoil Phort Rìgh. Aig an àm seo, bha sgìre mhòr fharsaing air Àrd-sgoil Phort Rìgh le sgoilearan a' tighinn ann às Uibhist a Tuath, Na Hearadh, Eilean Eige, Sòdhaigh cho math ri coimhearsnachdan iomallach air feadh an Eilein Sgitheanaich.
Chaidh Ostail Eilginn fhosgladh gu h-oifigeil air 12ra Sultain 1933 leis an Diùc is Ban-diùc Iorc, a thadhail rè an turais air snìomhairean is breabaidearan Phort nan Long, is air Caisteal Dùn Bheagain far an d' fhuair iad aoigheachd Sir Reginald MhicLeòid, 27 Ceann-cinnidh Chlann MhicLeòid.
An dèidh dha leasachadh a dhèanamh air rathaidean an Eilein Sgitheanaich, agus àrd-sgoiltean gan togail sna h-Eileanan a-muigh, cha robh uiread de dh'iarrtas ann airson àitean-fuirich dha sgoilearan. Chaidh an togalach a chur gu feum as ùr mar phàirt de dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh. Thathas an-dràsta ga chleachdach airson Foghlam Coimhearsnachd, agus e na dhachaigh do Ionad- Tasgaidh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives