Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beal Point, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_196
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12983
KEYWORDS
uaighean
aonaran
costaichean
naomhan
cairt phuist
eaglaisean
clachan uaighe
caibealan
seapailean
Beal Point, Portree

Tha na sgeirean anns an dealbh suidhichte beagan a tuath air Port Rìgh. Tha am Beal, Bile no Biel a tha na thalamh ionaltraidh do chrodh, na laighe fo Dhùn Thòrbhaig agus baile Thòrbhaig. Dh'fhaodadh gun robh an t-achadh feurach seo a tha air a chuairteachadh le sgeirean àrda aig a' chùl agus a' mhuir air a bheulaibh, na làrach chill no seapail aig Talorgan a bha na dhuine diadhaidh a-measg feadhainn eile coltach ris a chaidh a thàladh do na h-àiteachan seo a bha aig aon àm iomallach bho chionn fhada.

Tha seann eaglais agus cladh ris an canar am 'Bile Chapel' air ainmeachadh air clàr-Maraichte à 1847 agus ann an 1914 chaidh cunntas a thoirt air tobhtaichean eaglais bheag le ballachan anns an robh 2 throigh 9 òirlich de leud agus air an cuairteachadh le cladh ann an Cunntas Àireamhail a' Pharaiste. Gu mì-fhortanach, cha robh air fhàgail ach clach no dhà a bha a' sealltainn gun robh togalach air a bhith ann anns an robh còrr 's 8 meatairean a dh'fhaid agus 4 troighean de leud. Chrìonaich an seann chladh a tha gun fheansa nuair a dh'fhosgail an cladh ann am Port Rìgh ann am meadhan an 18mh linn ged a tha aon seann leac-uaighe fhathast ri chèile aig Bile. Tha an leac a' comharrachadh uaigh Ridseard MacUilleim, Ceannard-stiùiridh a' Chaiptein air an H.M.S Porcupine a bha na bhàta-sgrùdaidh aig an nèibhidh a bha a' dèanamh sgrùdadh agus a' clàradh na mara timcheall taobh an iar thuath na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha e coltach gun do chur MacUilleim làmh air a bheatha fhèin anns a' Ghearran 1861 agus 's dòcha gur ann air sgàth 's seo a chaidh a thiodhlacadh taobh a-muigh cladh Phort Rìgh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beal Point, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1930an; 1940an

uaighean; aonaran; costaichean; naomhan; cairt phuist; eaglaisean; clachan uaighe; caibealan; seapailean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards