Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Loidse, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_198
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12985
KEYWORDS
MacDhòmhnaill
leabhran-shanas reic
reic fearainn
Taigh-òsta Beanntan a' Chuilthinn
The Lodge, Portree

Chaidh an Loidse, Loidse Armadail roimhe, agus Taigh-òsta Beanntan a' Chuilthinn an-diugh, a thogail ann an 1882/1883 le na Dòmhnallaich mar loidse seilg/taigh bhanntraichean. Tràth anns an 20mh linn mar a bha an Caisteal ann an Armadail a' sìor dhol am miosad, bhathas a' cleachdadh na loidse barrachd mar àite-còmhnaidh le cuid den teaghlach Dhòmhnallach.

B' e pàirt de na 'famous Macdonald Estates', mar a bha san leabhran-shanas reic bho 1950 ag ràdh, a bh' ann. Aig an àm seo chaidh an loidse le dà làr a reic le taighean-còmhnaidh, gàrraidhean, garaidsean agus talamh co-cheangailte anns an robh mu 13 acaire. Tha an leabhran-shanas reic ag ràdh gun robh e falamh aig àm reic agus gur e 'dignified and lovely house suitable for a shooting lodge, residence or hotel' a bh' ann.

B' e Seumas Pringle Earr, Muileann an Tuilm ann an Inbhir Nis an sealbhadair a bh' air anns na 1950an agus bha e air a chleachdadh mar àite-còmhnaidh luchd-obrach. Chaidh a reic ann am meadhan nan 1960an, atharrachadh gu taigh-òsta, agus tha e air a bhith ag obair mar Thaigh-òsta Beanntan a' Chuilthinn on uair sin.. Thh suidheachadh nan togalaichean air taobh tuath Bàgh Phort Rìgh a' faicinn sheallaidhean àlainn. Bhon inntrigeadh agus na gàrraidhean suidhichte mun cuairt an taigh-òsta, faodaidh luchd-tadhail coimhead thar Bàgh Phort Rìgh, Linne Ratharsair agus gu beanntan a' Chuilthinn, a tha ga fhàgail na shuidheachadh farmadach airson taigh-òsta

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Loidse, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

MacDhòmhnaill; leabhran-shanas reic; reic fearainn; Taigh-òsta Beanntan a' Chuilthinn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards