Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean Chroitearan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_199
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12986
KEYWORDS
taighean tughaidh
cladach
Ach a' Bhàigh
Port Rìgh
ballachan cloiche
Crofters' Cottages, Skye

Tha an t-sreath de thaighean-tughaidh beaga seo air an sònrachadh mar a bhith suidhichte ri cladach Ach a' Bhàigh ann am Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach. Bha na taighean air an togail a' cleachdadh stuthan a bha saor, furasta am faighinn agus faisg. Bha oirean cruinn air na ballachan làidir gus a' ghaoth, a bhiodh a' sèideadh bhon bhàgh, a leigeil seachad. Bha fosglaidhean nan uinneag agus nan doras cho beag 's a ghabhadh gus cuideachadh ri blàths a chumail san taigh.

Bha tughadh air a chleachdadh sa chumantas mar stuth airson mullaich thaighean, le diofar stuthan, fraoch, cuilc agus connlach furasta am faighinn, agus bha e na bu shaoire na sglèat. Dheigheadh frèam aotrom fiodha a thogail thar mullach ballachan an taighe, le sgrathan air a mhuin, agus an uair sin tughadh, a bhiodh air a chur ann an sreathan air muin nan sgrath. Gus an tughadh a chumail bho bhith air a shiabadh air falbh, bhiodh ròpan a' dol air ais 's air adhart air muin an tughaidh, no dh'fhaodadh seann lìn a bhith air an cleachdadh. Bhiodh iad sin air an cumail sìos le clachan thar cinn an tughaidh gus a chumail na àite.

B' e cairt-puist a bha a' còrdadh ri mòran a bha san t-sealladh seo, agus nochd i ann an dubh agus geal, sepia, no mar a th' anns an tè seo, le fiamh-dhath làidir. Nochd e ann an iomadh cairt-puist agus leabhar dhealbhan oir b' e sealladh eireachdail de thaighean-còmhnaidh grinn, air an deagh thogail, ris a' chladach a bh'ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean Chroitearan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1890an

taighean tughaidh; cladach; Ach a' Bhàigh; Port Rìgh; ballachan cloiche