Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh, "A Skye Homestead"
EXTERNAL ID
HCD_CARD_200
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12987
KEYWORDS
taighean
tughadh
croitean
Portree, A Skye Homestead

Tha beachd ann gur ann faisg air Sgeitheabost san Eilean Sgitheanach, a tha mu 5 mìle a-mach à Port Rìgh a bha an taigh-croite seo.

Tha na h-oiseanan cruinn le "sgeilp" aig mullach nam ballachan mar a bha na bu chumanta anns na h-Eileanan an Iar, 's bha mullach air an robh an tughadh a' tighinn thairis air na ballachan na bu chumanta ann am meadhan na Gàidhealtachd. Bha am mullach a' tighinn à aon bhalla le tughadh a' crochadh air, mar a bha na bu chumanta san Eilean Sgitheanach agus ann am meadhan na Gàidhealtachd.

Bhiodh diofar stuthan air an cleachdadh mar thughadh a rèir dè ghabhadh fhaighinn, ach nam measg bha fraoch, luachair, raineach agus connlach. Bha an tughadh air a cheangal ris na sailthean mar bu trice le pluic eatarra, le ròpannan air an robh clachan mòra mar chuideaman, air neo mar an seo le lìn air uachdar an tughaidh. Tha dà theine anns an taigh seo, agus tha bàthach ceangailte ris, ach chaidh beagan de dh'aol a chleachdadh air na ballachan

Tha fios gun do chòrd a' chairt seo a rinn Judges' of Hastings ri luchd-turais, a bhiodh den bheachd gun robh na taighean-tughaidh seann-fhasanta.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh, "A Skye Homestead"

INBHIR NIS: Port Rìgh

1930an

taighean; tughadh; croitean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards