Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Easbaigeach, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_204
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12991
KEYWORDS
eaglaisean
naoimh
pears-eaglaise
Episcopal Church, Portree

San leabhar aige, 'The Misty Isle of Skye', a dh'fhoillsicheadh an 1905, sgrìobh an t-Urr J A MacUllaich, 'Apart from the beautiful Episcopal church of St Columba, with its gorgeous window dedicated to the memory of Skye's heroine, Flora Macdonald, the town itself has few architectural beauties.'

Thogadh an eaglais seo, a chaidh a dhealbhachadh le fear Alasdair Ros, fichead bliadhna roimhe seo ri linn ministear èasgaidh, adhartach air an robh an t-Urr Art Iain MacIllEeathain thàinig chun na sgìre an 1882. Thòisich e air nuadhachadh Eaglais Naoimh Eòin Baisteach anns a' Chadha Ruadh, faisg air an t-Sruthan, agus e cuideachd a' srì airson eaglais ùr a thogail ann am Port Rìgh airson frithealadh na bha a' fuireach sa bhaile agus barrachd iarrtais ann air a lethid. Chaidh comataidh ionmhais a chruthachadh, agus bhathas a' cleachdadh na h-eaglaise ùire san Dùbhlachd 1884. An dèidh dha a bhith greis na mhiseanaraidh an Asiria, thill Canan MacIllEathain agus chaidh an eaglais a choisrigeadh san Dàmhair 1891.

Thogadh am mansa co-cheangailte ris an eaglais an 1891 agus chaidh an uinneag de ghlainne dhathte le E Ingram a chur innte an 1896. Tha pleitichean umha san uinneig mar chuimhneachadh air Flòraidh Dhòmhnallach. Chaidh an uinneag a thoirt seachad leis a' Bh-Uas NicEanraig an Lunnainn.

Cho tràth ri 1892, tha cunntasan ann gun fheumadh obair càraidh a chumail air an tùr. Mu 1915 dh'fheumadh uinneag ùr a chur san tùr, agus làr a chur às ùr dhan tùr. Cha robh stad air an obair chàraidh a dh'fheumadh an tùr, obair uabhasach chosgail, agus chaidh an tur a leagail mu dheireadh an 1953

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Easbaigeach, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

eaglaisean; naoimh; pears-eaglaise

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards