Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid Wentworth, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_206
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12993
KEYWORDS
croitearachd
dròbhadh
stoc
Wentworth Street, Portree

Chithear san dealbh-chamara seo Ceàrnag Shomhairle ann am Port Rìgh. Bhiodh treud mòr chaorach ann am meadhan a' bhaile annasach an-diugh, ach cha bhiodh seo fìor bho chionn bhliadhnachan. 'S dòcha gun robhas gan toirt sìos Bràighe a' Chidhe chun a' chidhe airson an cur gu fèill-reic.

Fhuair Ceàrnag Shomhairle ainm bho ghaisgeach a bha na cheann-cinnidh nan Dòmhnallach san 12ra linn. Thogadh an togalach mòr ann am meadhan an deilbh an 1873 mar Bhanca Caledonian agus 's ann le Banca na h-Alba a tha e a-nis. 'S e an togalach air an làimh chlì ach Banca Dàil Chluaidh. Tha an cuimhneachan-cogaidh, bho 1922, aig teis-meadhan na ceàrnaig.

Thogadh an dealbh seo le fear Donnchadh Mac a' Phearsain, aig an robh bùth-chungaidhean an Caol Loch Aillse bho 1912 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann am meadhan nan 1960an. Bhiodh e tric a' togail dhealbhan-camara, agus gheibhte sa bhùth aige a h-uile seòrsa stuth a dh'fheumte airson togail dhealbhan. Cha robh e riamh às eugmhais a chamara agus rinn e clàradh air beatha làitheil choimhearsnachdan an àite

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid Wentworth, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

croitearachd; dròbhadh; stoc

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards