Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag Shomhairle, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_207
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12994
KEYWORDS
Port Rìgh
cuimhneachain-cogaidh
carraighean-cuimhne
taighean-òsta
bancaichean
eaglaisean
taigh-cùirte
Somerled Square, Portree

'S e prìomh àite fosgailte sòisealta ann am meadhan Port Rìgh san Eilean Sgitheanach a th' ann an Ceàrnag Shomhairle, no Somerled. Tha an t-ainm a' tighinn on cheannard-cogaidh san 12mh linn, fear de Chlann Dòmhnaill. Chaidh càradh na ceàrnaig atharrachadh grunn turais bhon àm a chaidh an dealbh-camara seo a thogail, am measg nan atharrachaidhean sin bha slighe an rathaid mhòir, a th' air a roinn an seo le Carragh-cuimhne a' Chogaidh.

Tha an carragh-cuimhne seo air a dheilbh san aon stoidhle ri crois na margaidh ann an Dùn Èideann, le leòmhann na shuidhe air a mhullach. Chaidh an carragh a rùsgadh sa Ghearran 1922 leis a' Chòirneal K.J. MacDhòmhnaill on Tobhta. Chaidh a thogail le Tòmas MacPhàrlain, neach-togail san sgìre a chaill an t-aon mhac aige sa Chiad Chogadh. Tha an fheadhainn à Port Rìgh a thuit san Dà Chogadh Mhòr air an cuimhneachadh air, agus cuideachd an fheadhainn o na sgìrean ri làimh, na Bràighean, Sgobhsair agus Snìosort a Deas.

'S ann o 1865 a tha an Taigh-cùirte, an togalach làidir air fìor làmh chlì an deilbh. 'S e fear de ghrunn thogalaichean, nam measg Banca Dhail Chluaidh sa mheadhan gu clì agus Banca na h-Alba, air an fhìor làmh dheas 's air a thogail ann an 1873, a chaidh a dheilbh le companaidh an luchd-ailtire, Matthews agus Lawrie.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag Shomhairle, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an; 1950an

Port Rìgh; cuimhneachain-cogaidh; carraighean-cuimhne; taighean-òsta; bancaichean; eaglaisean; taigh-cùirte

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards