Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigh-òsta Rìoghail, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_210
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12997
KEYWORDS
togalach
toglaichean
ailtireachd
Taigh-òsta
baile beag
teine
The Royal Hotel, Portree, Skye

B' àbhaist don togalach eireachdail seo a bhith air Sràid a' Bhanca ann am Port Rìgh far an d' fhuaireadh seallaidhean àlainn thar a' chala, Bàgh Phort Rìgh agus Beinn Thianabhaig. Tha an taigh-òsta air làrach 'Charles MacNab's Inn' far an do ghabh Flòraidh NicDhòmhnaill an soraidh slàn mu dheireadh leis a' Phrionnsa Teàrlach air a' 1d latha den Iuchar 1746 - an turas mu dheireadh mar a thachair. Bha an taigh-aoigheachd na phrìomh phàirt de thogalach na bu mhotha a tha ri fhaicinn anns an dealbh seo aig Uilleam Daniell à 1819 ach chaidh an taigh-òsta a b' eireachdaile agus a bu mhotha a thogail a chithear anns an dealbh seo na b' fhaide air adhart.

Nuair a chaidh an taigh-òsta a chur air a' mhargaid ann an 1900 le urrasairean Lachlan Rois nach maireann, bha stàballan, bàthach agus taigh-coidse na phàirt a bharrachd air talamh air falbh bhuaithe a chaidh a chleachdadh mar raon-todhair agus gàrradh. Bha a' bhileag-reic aige ag ràdh: "The main portion of the Hotel was reconstructed in 1878, and a new wing added in 1885. The Hotel accommodation includes Drawing Room, coffee-room, dining for 80 - 100, three sitting rooms, Billiard room lighted from the roof, smoking room, office, steward's room, kitchen, still room, pantry store rooms, boothall, cellars and Bar, Bathrooms and W.C.s. There are 49 bedrooms and ample accommodation for servants."

Anns a' Ghearran 1963 bha teine mòr ann a sgrios cha mhòr an taobh a deas den togalach uile gu lèir. Chaidh a' chuid a bha air fhàgail a mhilleadh le uisge. Nuair a chaidh an taigh-òsta a thogail beagan an dèidh sin, chaidh ath-thogail ann an stoidhle nan 1960an agus mar sin, ged a thathar air leasachaidhean eile a dhèanamh air, chan eil an aghaidh eireachdail spaideil leis an tùr agus a' bhearanda rim faicinn a-nis

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh-òsta Rìoghail, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

togalach; toglaichean; ailtireachd;Taigh-òsta; baile beag; teine

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards