Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croitearan an Eilein Sgitheanaich
EXTERNAL ID
HCD_CARD_212
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12998
KEYWORDS
croitearachd
taighean-cruit
taighean-tughaidh
cuibhlichean-snìomh
dealbhan-camara air dathadh le làimh
Skye Crofters

'S dòcha gu bheil a' chairt-phuist seo, air a bheil beagan de thuar, tè am measg sreath de dhealbhan charactar a thogadh gus dèanamh inneas air beatha air a' Ghàidhealtachd airson luchd-turais. Gun teagamh bhiodh beatha chruaidh nan Gàidheal sna taighean-tughaidh is taighean-còmhnaidh beaga, tais iongantach dha-rìribh le daoine beairteach bho dheas.

Air cùl na càirt-phuist seo tha sgrìobhte mu Mh. NicArtair, Port Rìgh, a thathas a' saoilsinn a tha a' snìomh san dealbh. Ged a dh'fhaodadh gun deach seo a chur air dòigh airson dealbh a thogail, is cinnteach gun robh an obair seo cudromach ann am beatha nam ban, leis cha mhòr a h-uile pìos aodaich dhaoine dèante bho chlòimh, agus a' dèanamh clò dheth son fuaigheal no ga fhigheadh mar èideadh. Dh'fheumadh a h-uile breabaidear no figheadair, a rèir coltais, ceithir snìomhairean gus snàth gu leòr a chumail riutha, agus uime sin bhite aig a' chuibhle a h-uile cothrom a gheibhear airson is gum biodh snàth gu leòr aca. 'S e cuibhle-shnìomha 'Saxony' a chithear san dealbh seo, seòrsa a bha gu math cumanta air a' Ghàidhealtachd aig toiseach an 20mh linn. Tha an casan a' cur car dhen chuibhle a' ciallachadh gum faighear an snàth a thoinneamh sa shnìomh air a' bhoban aig an aon àm, a' dèanamh na obrach nas luaithe

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitearan an Eilein Sgitheanaich

INBHIR NIS: Port Rìgh

croitearachd; taighean-cruit; taighean-tughaidh; cuibhlichean-snìomh; dealbhan-camara air dathadh le làimh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards