Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Snìomhair na h-Ochdadan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_213
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12999
KEYWORDS
croitearachd
taighean-cruit
taighean-tughaidh
cuibhlichean-snìomh
Octogenarian Spinner, Skye

Tha taighean mòra baile Phort Righ gu tur eadar-dhealaichte ri na taighean-tughaidh aig a' chladach, le tè còrr is ceithir fidhead bliadhna a dh'aois a' sniomh ris an aghaidh. Bhite tric a' cur nan dealbhan seo air dòigh gus sealladh a thoirt seachd air beatha sheann fhasanta muinntir na Gàidhealtachd agus bhite a' reic mòran chairtean-puist dhen t-seòrsa seo.

Gu fìrinneach bhiodh cha mhòr a h-uile stiall aodaich a bh' aig croitear dèante bho shnàth. Mus tàinig a' chuidhle-shnìomha a-steach, 's ann le dealgan a dheigheadh an obair seo a dhèanamh. Bhite a' toinneamh agus a' sìneadh an t-snàtha agus e air bhodagan bhon dealgan le tomhas air an deigheadh e mun cuairt. Thionndaidheadh an snìomhaire an uair sin an snàth air pìos fiodh. Dheigheadh an obair gu lèir a dhèanamh agus an snìomhaire a' coiseachd, agus ri linn is gum feumadh am breadaidear no figheadair mòran snàtha, chan e rud annasach air bith a bhiodh ann boireanaich fhaicinn le dealgan aca gach àite an deigheadh iad.

An dèidh don chuidhle-shnìomha tighinn a-steach, bha an obair seo tòrr na b' fhasa is na bu luaithe. Is e 'Saxony wheel' an seòrsa cuibhle a chithear san dealbh, an tè bu mhotha a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Snìomhair na h-Ochdadan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

croitearachd; taighean-cruit; taighean-tughaidh; cuibhlichean-snìomh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards