Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir mu bhith a' toirt Rèin-fhèidh dhan Mhonadh Ruadh sna 1950an
EXTERNAL ID
Z_PC_UTSI_LETTER
ÀITE
Am Monadh Ruadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1950an
CRUTHADAIR
M N P Utsi
NEACH-FIOSRACHAIDH
Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta
AITHNEACHADH MAOINE
130
KEYWORDS
Rèin-fhèidh
fèidh
Am Monadh Ruadh
A letter regarding the introduction of Reindeer to the Cairngorms in the 1950s

Tha an litir seo mu bhith a' toirt rèin-fhèidh dhan Mhonadh Ruadh sna 1950an. Thàinig a' chiad threud às an t-Suain san Ògmhios 1952 agus, an dèidh greis ann an cuarantain, chaidh an leigeil mu sgaoil ann an coille Rata Mhurcais faisg air an Aghaidh Mhòir. B' e Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta a thug maoineachadh dhan phròiseact, fo sgèith Comhairle Rèin-fhèidh na Rìoghachd Aonaichte, a chaidh le chèile a stèidheachadh le Buachaille Rèin-fhèidh às an t-Suain, Mikel Utsi.

Bho 1953, leig Coimisean na Coilltearachd leis an treud ionaltradh air 70 acair far an deach craobhan a chur. Sheall an Coimisean mar sin nach eil rèin-fhèidh a' milleadh chraobhan durcanach. A bharrachd air an sin thug Glèidhteachas mu Thuath a' Choimisein seachad barrachd talamh ionaltraidh ann an 1954 air feadh 5900 acair de thalamh nas àirde ann am Pàirc Coille a' Ghlinn Mhòir, deas air Loch Mùrlaig suas gu mullach a' Chàirn Ghuirm agus Càrn Lochain.

On Lùnastal 1989, tha oifis Companaidh nan Rèin-fhiadh air a bhith stèidhte aig Ionad Rèin-fhèidh a' Chàirn Ghuirm sa Ghleann Mhòr. Chaidh Comhairle nan Rèin-fhiadh a sgaoileadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir mu bhith a' toirt Rèin-fhèidh dhan Mhonadh Ruadh sna 1950an

INBHIR NIS

1950an

Rèin-fhèidh; fèidh; Am Monadh Ruadh

Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta

Reindeer Company Limited/Utsi

Tha an litir seo mu bhith a' toirt rèin-fhèidh dhan Mhonadh Ruadh sna 1950an. Thàinig a' chiad threud às an t-Suain san Ògmhios 1952 agus, an dèidh greis ann an cuarantain, chaidh an leigeil mu sgaoil ann an coille Rata Mhurcais faisg air an Aghaidh Mhòir. B' e Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta a thug maoineachadh dhan phròiseact, fo sgèith Comhairle Rèin-fhèidh na Rìoghachd Aonaichte, a chaidh le chèile a stèidheachadh le Buachaille Rèin-fhèidh às an t-Suain, Mikel Utsi.<br /> <br /> Bho 1953, leig Coimisean na Coilltearachd leis an treud ionaltradh air 70 acair far an deach craobhan a chur. Sheall an Coimisean mar sin nach eil rèin-fhèidh a' milleadh chraobhan durcanach. A bharrachd air an sin thug Glèidhteachas mu Thuath a' Choimisein seachad barrachd talamh ionaltraidh ann an 1954 air feadh 5900 acair de thalamh nas àirde ann am Pàirc Coille a' Ghlinn Mhòir, deas air Loch Mùrlaig suas gu mullach a' Chàirn Ghuirm agus Càrn Lochain.<br /> <br /> On Lùnastal 1989, tha oifis Companaidh nan Rèin-fhiadh air a bhith stèidhte aig Ionad Rèin-fhèidh a' Chàirn Ghuirm sa Ghleann Mhòr. Chaidh Comhairle nan Rèin-fhiadh a sgaoileadh