Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Weaving Song 1
EXTERNAL ID
AB_LL_DONALD_S_MURRAY_05
DEIT
2011
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Donald S Murray
NEACH-FIOSRACHAIDH
Dòmhnall S Moireach
AITHNEACHADH MAOINE
1300
KEYWORDS
bàrdachd
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Chaidh a' bhàrdachd seo a thoirt bhon chruinneachadh aig Dòmhnall S Moireach, "Weaving Songs".

Chuir Dòmhnall seachad làithean òige ann an Nis an ceann a tuath Eilean Leòdhais agus an-diugh tha e a' fuireach faisg air 'Nis' eile, an ceann a deas tir-mòr Eilean Shealtainn. 'S e tidsear na Beurla a th' ann agus tha e air a bhith a' teagasg ann an iomadh eilean, eadar Institiùd MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, Sgoil Lionaicleit ann am Beinn a' Bhaoghla agus Àrd-sgoil Ìre nas Òige Shannduig ann an Sealtainn.

Tha e air a bhith a' sgrìobhadh na àm fhèin fad a bheatha, le obair a' nochdadh ann an àiteachan mar irisean litreachais agus Rèidio BBC, o phàipearean-naidheachd nàiseanta gu leabhraichean de chruinneachaidhean nàiseanta. Chaidh a chruinneachadh de sgeulachdan goirid, 'Special Deliverance' a gheàrr-liostadh airson Duais Bratach na Croise 1998 agus, beagan bhliadhnachan às dèidh siud, bha a leabhran bàrdachd 'Westcoasters' fon t-sealladh ann an Duais Cuimhneachaidh Chaluim MhicDhòmhnaill.

Chaidh obair Dhòmhnaill a mholadh gu mòr agus daoine ag ràdh gur esan 'fear de na sgrìobhadairean as ùr-annasaiche ann an Litreachas Albannach an là-an-diugh'. Chaidh an leabhar aige 'The Guga Hunters'? mu luchd-sealg nan guga às an àite aige fhèin ann an Nis, Leòdhas, a mholadh le Will Self san 'Daily Telegraph'. Thug sin cuideachd e gu bhith a' nochdadh air grunn phrògraman TV, nam measg an t-àm nuair a chaidh atharrachadh gu bhith Sir Daibhidh Attenburgh air 'Birds Britannia' aig BBC 4.

Tha leabhraichean a sgrìobh e às dèidh siud air cliù a chosnadh san aon dòigh. Nam measg tha 'And On This Rock' mu dheidhinn a' Chaibeil Eadailtich ann an Arcaibh agus 'Small Expectations', deagh mheasgachadh de rannan, bàrdachd is rosg air an spreigeadh leis an dà chuid, facail Theàrlaich Dickens agus facail òrain a rinn An Clash.

Tha an leabhar as ùire aige, 'Weaving Songs' cuideachd a' còrdadh ri daoine. Na chruinneachadh eile de rannan is rosg, chaidh fhoillseachadh gus ceud bliadhna den Bhàlla Rìoghail, an 'orb' a tha na shuaicheantas aig a' Chlò Hearach, a chomharrachadh. 'S ann o bheatha thràth Dhòmhnaill a tha freumhan an leabhair seo, leis mar a bha athair ag obair na bhreabadair fad iomadh bliadhna. Chan ann mar fighe a' chlò ghairbh a tha obair Dhòmhnaill ach 's ann a tha a thàlant ann am fighe nam facal.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Weaving Song 1

2010an

bàrdachd; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Dòmhnall S Moireach

Literary Landscapes: Donald S Murray