- TIOTAL
- Caoraich aig Loch Fada, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_223
- ÀITE
- Lochan an Stòir
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13007
- KEYWORDS
- seallaidhean-tìre
cnuic
beanntan
lochan
stoc
dròbhadh

B' e obair chàilear a bhiodh innte a' gluasad chaorach air latha brèagha samhraidh dhen t-seòrsa seo. Thathas a' toirt nan caorach seo, agus uain mhòra nan cois, gu crò airson rùsgadh no an toirt air falbh gu fèill-reic. Thogadh an dealbh seo sna 1950an, ach tha an sealladh seo meadhanach cumanta fhathast san Eilean Sgitheanach, le treudan chaorach a' cur maill air carbadan nan rathaidean singilte, rud a tha tlachdmhor do luchd-turais.
Chaidh an dealbh seo a thogail a' coimhead gu tuath air a' phrìomh rathad a Stafainn air rubha Thròndairnis. Gu tuath, tha an Loch Fada a' coinneachadh ri loch nas lugha, An Loch Leathann, agus na dhà dhiubh a' cumail ùisge ri stèisean cumhachd Lochan Stòir, a choimiseanadh sa Chèitean 1952. Tha an dà loch làn iasg agus gheibh iasgairean bàtaichean air mhàl bho chlub iasgaich an àite.
Ag èirigh os cionn an locha tha Stòr; creag mhòr stobach 2538 troighean a dh'àirde; am mullach as àirde air druim Thròndairnis. Fo na creagan tha Comraich Stòir far an lorgar cruinneachadh de bhinneanan iongantach basalt. 'S e am fear as motha Bodach an Stòir. Tha an tùr seo sa bheil 165 troighean de dh'àirde na chomharra tìre is mara, ri fhacinn bho mhìltean air falbh. Is e seo fear dhe na seallaidhean as motha air a bheil daoine a' togail dhealbhan air an Eilean Sgitheanach. Is mòr as fhiach Bodach an Stòir a shreap, oir gheibhear bhon mhullach seallaidhean mìorbhaileach a-null gu tìr-mòr, eilean Rònaigh is Ratharsair agus an Cuiltheann Dearg
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives