Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Stòr, bho Loch Fada, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_225
ÀITE
An Stòr
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13009
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
cnuic
beanntan
lochan
The Storr, from Loch Fada, Portree, Skye

Thogadh an dealbh seo an cois an Loch Fhada, gu tuath air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha an Loch Fada agus an Loch Leathann a' cumail uisge ri Stèisean Cumhachd Lochan an Stòir a dh'fhosgail an 1952. Chaidh an rathad a tha a' falbh ri taobh nan lochan a chruthachadh airson innealan is bathar a chumail ris an fheadhainn a bha a' togail an dama, na pìoba agus an stèisean cumhachd. Ri fhaicinn air an làimh dheis dhen dealbh, tha cròileagan bhothan. B' iad sin àitean-fuirich luchd-obrach a' phròiseict.

Ag èirigh os cionn an locha tha an Stòr; creag mhòr stobach 2538 troighean; am mullach as àirde air druim Thròndairnis. Fo na creagan tha Comraich Stòir far an lorgar cruinneachadh de bhinneanan iongantach basalt. 'S e am fear as motha Bodach an Stòir. Tha an tùr seo sa bheil 165 troighean de dh'àirde na chomharra tìre is mara, ri fhacinn bho mhìltean air falbh. Is e seo fear dhe na seallaidhean as motha air a bheil daoine a' togail dhealbhan air an Eilean Sgitheanach. Is mòr as fhiach Bodach an Stòir a shreap, oir gheibhear bhon mhullach seallaidhean mìorbhaileach a-null gu tìr-mòr, eilean Rònaigh is Ratharsair agus an Cuiltheann Dearg.

Sgrìobh an sreapadair Bhictòrianach Harold Raeburn, 'Old Man may be climbable but we didn't make an attempt'. B' iad Don Whillan is Seumas Barber na ciad shreapaidearan a fhuair gu mullach Bodach an Stòir an 1955. Thathar air an t-slighe a mheas 'Very Severe'

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Stòr, bho Loch Fada, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

seallaidhean-tìre; cnuic; beanntan; lochan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards