Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Bheinn Stòir
EXTERNAL ID
HCD_CARD_228
ÀITE
An Stòr
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13012
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
cnuic
beanntan
lochan
streap-bheanntan
View from Storr Mountain

Chithear air a' chairt-phuist seo de dhathan-mìn seallaidhean mìorbhaileach air an Stòr, fear dhe na seallaidhean as motha air a bheil daoine a' togail dhealbhan. Tha an Stòr ag èirigh gu còrr is 2,300 troighean aig ceann a deas Druim Thròndairnis. Ann am meadhan an droma seo tha Bodach an Stòir, fear am measg stacan basalt timcheall raon air a bheil a' Chomraich. Le 165 troighean de dh'àirde ann, tha am Bodach na chomharra tìreil is mara a chì daoine bho mhìltean air falbh air gach taobh.

Tha an sealladh seo a' coimhead sìos air na lochan, an Loch Fada is an Loch Leathann; lochan a tha a' cumail uisge ri Stèisean Cumhachd Lochan Stòir, a dh'fhosgail an 1952. Gheibhear boillsgeadh air cala Phort Rìgh, leis a' Chuiltheann Dhearg air fàire

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Bheinn Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

seallaidhean-tìre; cnuic; beanntan; lochan; streap-bheanntan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards