Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh agus an Linne Ratharsach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_230
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13014
KEYWORDS
bailtean
cruthan tìre
Linne Ratharsach
calachan
lochan
Portree and the Sound of Raasay, Isle of Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail air plèana microlight a' coimhead don iar-thuath gu Ratharsair agus gu tìr-mòr. Chithear coille Ghleann Bharagail. Tha baile Phort Rìgh suidhichte air bàgh fasgach - Bàgh Phort Rìgh - le Meall na h-Acarsaid, no "an Lump" mar as fheàrr a dh'ainichear e, a' sìneadh a-mach don Loch. Tha Gob Riosgaig a' sìneadh a-mach gus an loch a chuairteachadh agus le Beinn Tianabhaig tha e a' cruthachadh slighe a-steach bhon Linne Ratharsach.

Tha Port Rìgh, aig a bheil dìon bhon ghaoith air gach taobh, air aithneachadh mar fhear de na calaidhean as fasgaich air a' chosta an iar. A dh'aindeoin seo, cha deach cidhe a thogail gu 1818-20. Bha an cala gu math trang, gu h-àraid rè sèasain an sgadain, agus bhiodh na ceudan de bhàtaichean sgadain suidhichte sa bhàgh a h-uile bliadhna, cho math ri bàtaichean-smùid agus pufairean le luchd-siubhail, bathair agus post. Bhiodh bàta-puist a' tighinn gach latha. Chaidh rathaidean an eilean a leasachadh mean air mhean agus mar sin, cha robh an cidhe cho cudromach sa bha, ach mar thoradh air a àite fasgach, tha an cala fhathast na dheagh acarsaid do bàtaichean-athais rè mìosan an t-samhraidh cho math ri beagan soithichean coimeirsealta.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh agus an Linne Ratharsach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

bailtean; cruthan tìre; Linne Ratharsach; calachan; lochan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards