- TIOTAL
- Cidhe Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_232
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13016
- KEYWORDS
- cidheachan
cidhe
calachan
cala
port
puirt
bàtaichean
bàta
soitheach
soithichean
cairtean-puist

Chithear Cidhe Phort Rìgh leis A' Chuiltheann ris a' chùl sa chairt-phuist seo.
Chaidh Cidhe Phort Rìgh a thogail le Tòmas telford eadar 1818 agus 1820. Chleachd bàtaichean-smùide a bha a' giùlan bheathaichean is gual a bhith a' tadhal ann. Bha seo na cheangal cudromach do dh'eileanan iomallach.
Chuireadh crìoch air Sràid a' Chidhe faisg air deireadh an 19mh linn. Tha i co-shìnte ris a' chidhe. Tha Am Meall ris a' chùl. B' ann an seo a chleachd iad a bhith a' crochadh dhaoine. Tha tobhta seann tùr-faire air mullach a' chnuic. B' e Alasdair Mac Leoid a thog an tùr ann an 1851. Tha an tùr a-nis air a leasachadh.
B' e Cill Targhlain (an teampall aig bonn a' ghlinne) an t-ainm a bha air a' bhaile bho thùs. An dèidh dhan Rìgh Seumas V tadhal ann an 1540, chaidh an t-ainm atharrachadh gu Port an Rìgh
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives