Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, bhon chala
EXTERNAL ID
HCD_CARD_233
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13017
KEYWORDS
bailtean
calachan
Bàgh Phort Rìgh
taighean-òsta
Isle of Skye. Portree from the Harbour

Chaidh an dealbh camara seo a thogail bho chidhe Phort Rìgh leis an laimrig air an làimh chlì. Dh'fhàs Port Rìgh bhon cheàrnaidh mun cuairt a' chidhe agus a' chala a bhiodh aig meadhan beatha làitheil agus gnìomhan a' bhaile. Suas gu deireadh na 1950an bhiodh bàtaichean-smùide a' tighinn a-steach do Phort Rìgh gach latha. Bhiodh iad a' giùlan luchd-siubhail, cargu agus litrichean. Le leasachadh nan rathaidean air feadh an eilein, obair a thug ùine mhòr, cha robh an cidhe cho cudromach airson còmhdhail dhan bhaile agus air feadh an eilein. Thar nam bliadhnachan bha amannan glè thrang aig a' chidhe le cabhlachan sgadain a' lìonadh a' chala. Tha fhathast gnìomhachas iasgach malairteach a-mach à Port Rìgh, ach tha nas lugha de bhàtaichean ann na bha anns na bliadhnachan roimhe seo. Air sgàth a shuidheachadh fasgach, 's e àite fìor mhath a th' anns a' chala airson gheataichean agus bàtaichean cur-seachad, agus tha e trang fad mìosan an t-samhraidh.

Mar a bha bith-beò mun cuairt a' chala a' dol am meud, chaidh togalaichean a thogail airson an àireamh-sluaigh a bha a' fàs. Bha na taighean a chaidh a thogail air lùb nàdarrach a' chala air Corran Beaumont nan taighean susbainteach, a bha air an sanasachd ann an 1839 mar 'neatly furnished and well adapted for respectable families'. Air cùlaibh an t-sreath thaighean seo tha Bràighe a' Chidhe a' tha a' dol a-steach do mheadhan a' bhaile. Tha an Taigh-òsta Rìoghail, a ghabh àite taigh-seinnse Mhic an Aba, ag èirigh gu stàiteil os cionn a' chorrain anns an deilbh camara seo. Tha an taigh-òsta ainmeil oir b' ann an seo a leig am Prionnsa Teàrlach soraidh le Flòraidh NicDhòmhnaill, agus an dèidh sin far an do ghabh Johnstone agus Boswell biadh ann an 1773.

Sa Ghearran 1963, chaidh an Taigh-òsta Rìoghail a dhroch mhilleadh le teine a thòisich ann an earrann den togalach anns nach robh duine a' fuireach, a rèir coltais air sgàth uèireadh easbhaidheach. Chruinnich a' bhuidheann-smàlaidh ionadail gu luath, agus chaidh buidhnean-smàlaidh a chur a-mach à Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis a thuilleadh air a h-uile aonad ionadail. Airson greis bhathar a' smaoineachadh gun deigheadh am bloca air fad, a bha a' gabhail a-steach bùthan agus taighean, a chall, agus chaidh daoine agus bathar a ghluasad a-mach gu sgiobalta. Ach, shìolaidh a' ghaoth, agus chaidh an teine a chumail ann an aon earrann den taigh-òsta. Chaidh an taigh-òsta ath-thogail, cha b' ann an leantainn an dealbhachadh tùsail seo, agus tha e fhathast na thaigh-òsta trang ann am meadhan a' bhaile.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, bhon chala

INBHIR NIS: Port Rìgh

1980an

bailtean; calachan; Bàgh Phort Rìgh; taighean-òsta

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards