Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon adhar
EXTERNAL ID
HCD_CARD_235
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13019
KEYWORDS
bailtean
taighean
calachan
Aerial view of Portree

Tha an dealbh seo de Phort Rìgh a chaidh a thogail às an adhar, a' sealltainn dhuinn gu soilleir cho brèagha sa tha suidheachadh a' bhaile. Tha Port Rìgh, aig a bheil dìon bhon ghaoith air gach taobh, air aithneachadh mar fhear de na calaidhean as fasgaich air a' chosta an iar. A dh'aindeoin seo, cha deach cidhe a thogail gu 1818-20 ged a chaidh planaichean a dhèanamh le Seumas Gilleasbaig agus Tòmas Telford tràth san linn. Chaidh chidhe a thogail air an leathad don bhaile agus chaidh a leudachadh aig deireadh an 19mh linn agus a sgeadachadh gu mòr ann an 1902. Bha an cala gu math trang agus bhiodh na ceudan de bhàtaichean sgadain suidhichte sa bhàgh a h-uile bliadhna, cho math ri bàtaichean-smùid agus pufairean le luchd-siubhail, bathair agus post. Bhiodh bàta-puist a' tighinn gach latha. Chaidh rathaidean an eilean a leasachadh mean air mhean agus mar sin, cha robh an cidhe cho cudromach sa bha, ach mar thoradh air a àite fasgach, tha an cala fhathast na dheagh acarsaid do gheataichean agus do bàtaichean-athais rè mìosan an t-samhraidh, agus bidh bàtaichean cuairt-mara mòr gu tric ag acrachadh aig muir agus a' cur an luchd-siubhail aca air tìr aig a' chidhe air bàtaichean beaga gus am faic iad na goireasan do luchd-turais san Eilean.
Chaidh Sreath Dhùghlais a thogail air Sràid a' Chidhe (bha Sràid a' Chladaich air seo uair) mu choinneimh a' chala. Tha sreath de dhathan sorcha air na toglaichean seo a-nis agus tha an cala furasta aithneachadh mar thoradh orra. Is e Meall na h-Acarsaid an cnoc coillteach air cùl Sreath Dhùghlais. Air cuid de sheann mhapaichean is e Fancy Hill" a th' air

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon adhar

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

bailtean; taighean; calachan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards