Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon adhar
EXTERNAL ID
HCD_CARD_236
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13020
KEYWORDS
bailtean
cruthan-tìre
costaichean
Bàgh Phort Rìgh
Loch Phort Rìgh
Aerial view of Portree

Tha an dealbh seo de Phort Rìgh a chaidh a thogail às an adhar, a' sealltainn dhuinn gu soilleir cho brèagha sa tha suidheachadh a' bhaile.

Tha Gob Riosgaig a' sìneadh gus an loch a chuairteachadh air an taobh dheas agus tha bruthaichean Beinn Tianabhaig agus Beinn Chracaig a' cruathachadh slighe a-steach don Bhàgh bhon Linne Ratharsach.

Tha Meall na h-Acarsaid no "the Lump" mar a th' air gu tric, a' sìneadh a-mach don Loch gus cala a dhèanamh, fear den fheadhainn as fasgaich air a' chosta an iar. Dh'fhàs Port Rìgh a-mach às a' chidhe agus an cala a bha uair cho cudromach do bheatha agus obair a' bhaile. Bhiodh na ceudan de bhàtaichean sgadain a' tighinn a-steach don bhàgh, agus gus deireadh nan 1950an, bhiodh bàtaichean-smùid a' tighinn a-steach gach latha le luchd-siubhail, bathair agus post. Chaidh rathaidean an eilean a leasachadh mean air mhean agus mar sin, cha robh an cidhe cho cudromach sa bha, ach mar thoradh air a àite fasgach, tha an cala fhathast na dheagh acairsaid do gheataichean agus do bàtaichean-athais rè mìosan an t-samhraidh, agus bidh bàtaichean cuairt-mara mòr gu tric ag acarachadh aig muir agus a' cur an luchd-siubhail aca air tir aig a' chidhe air bàtaichean beaga gus am faic iad na goireasan do luchd-turais san Eilean.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon adhar

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

bailtean; cruthan-tìre; costaichean; Bàgh Phort Rìgh; Loch Phort Rìgh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards