Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh às an Dùnan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_253
ÀITE
An Dùnan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13032
KEYWORDS
Loch na Cairidh
eileananan
lochan mara
bailtean
View from Dunan, Skye

Tha am prìomh rathad eadar an t-Eilean Sgitheanach agus an t-Ath Leathann san Eilean Sgitheanach a' dol faisg air cladach Loch na Cairidh, le eilean Sgalpaigh air an làimh dheas agus baile beag Stròlamas ri aghaidh na deilbhe. Tha ainm an loch-mara seo a' tighinn bhon fhacal 'cairidh' a tha a' ciallachadh fish-trap or weir, balla ann an leth-chearcall os cionn comharra na h-ìsle mara,gu tric aig ceann caolais. Bhiodh gluasad na tìde mara a' glacadh an èisg air cùl seo agus gabhadh an toirt a-mach ann an lìontan beaga. Cha bhiodh mòran èisg gan glacadh san dòigh seo agus cha bhithear a' dèanamh seo tuilleadh ach aig an àm is e pàirt cudromach den dòigh-ithe aig daoine a bhodh ann. Is e taigh-prìobhaideach a th' anns an sgoil a-nis. Tha an t-ainm cairidh fhathast ann, ge-tà, agus chithear cuid de na cairidhean briste ri taobh a' chosta.

Chithear na tha air fhàgail den chairidh ri aghaidh na deilbhe air an làimh chlì. Tha an Dùnan mu mhìle a tuath air Stròlamas agus tha an rathad an cois a' chosta gu Lùib. Gus nan 1930s, ge-tà, chaidh an rathad air slighe nas giorra thairis air a' mhonadh seachad air Loch nam Madadh Uisge, a' dol a-steach do Lùib bhon taobh a-deas. Tha an sealladh seo a tha a' coimhead don iar-thuath a' sealltainn dhuinn eilean Guillamon agus eilean Pabaigh air a chùil. Ri cùl na deilbhe, chithear an caolas eadar Caol Àcainn agus Caol Loch Aillse. Tha drochaid air a bhith an seo bho 1995

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh às an Dùnan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

Loch na Cairidh; eileananan; lochan mara; bailtean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards