- TIOTAL
- Eilean Iarmain agus Taigh-òsta Eilean Iarmain, An t-Eilean Sgitheanaich
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_256
- ÀITE
- Eilean Iarmain
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Slèite
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13035
- KEYWORDS
- Taighean-òsta
taighean

Is e Eilean Iarmain an t-eilean a chithear air taobh deis na deilbhe seo. Tha e faisg air a' chladach air costa an ear Shlèite ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich agus tha seallaidhean brèagha rim faicinn ann de na beanntan os cionn Glinn Eilg agus gu Cnòideart.. Tha Isle Ornsay, ainm Beurla an eilean, a' tighinn bhon fhacal Lochlannach air eilean-tràghaidh , eilean a tha ceangailte ri tìr-mòr nuair a bhios muir-tràigh ann. Chaidh am baile leis an aon ainm a stèidheachadh tràth san 19mh linn mar chala fasgach agus mar ionad coimeirsealta don sgìre.
Anns an deilbh seo, chithear an cidhe a chaidh a thogail ann an 1805, bùth, stàballan, sìol-lann agus air an taobh chlì, Taigh-òsta Eilean Iarmain. Chaidh an taigh-òsta seo a thogail mun bhliadhna 1893. Chaidh am poirdse glainne a chur ris anns na 1920an gus am b' urrainn do dhaoine na seallaidhean fhaicinn. Chaidh a' mhòr-chuid de na toglaichean a cheannach le Sir Iain Noble ann an 1972 agus chaidh iad an uair sin a sgeadachadh no ath-thogail. Bha seo aig teas meadhain plana Noble gus Gàidhlig agus a cultar ath-bheothachadh san sgìre.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives