Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal a' Chamais, Slèite
EXTERNAL ID
HCD_CARD_263
ÀITE
An Teanga
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13041
KEYWORDS
caistealan
An Cnoc
Baigh a' Chnuic
tobhtaichean
Cnòideart
Knock Castle and Bay, Sleat

Tha Caisteal a' Chamais, ris an canar cuideachd An Cnoc no Caisteal a' Chnuic, air costa sear rubha Shlèite san Eilean Sgitheanach, a' coimhead a-null air Linne Shlèite gu tìr-mòr. Coltach ris a' mhòr-chuid de dhùin agus de chaistealan an Eilein, tha Caisteal a' Chamais air rubha; gu dearbh s iongantach mura h-eil e air a thogail air uachdar dùin bho Linn an Iarainn, Dùn Thòrabhaig. Tha clais gu tuath, a tha a-nis gu ìre mhòr air a lìonadh le sprùilleach agus fàs-bheatha, na sanas airson na daingnich a bhiodh air an làraich, feumaidh. Bha bearradh cas gu deas a' toirt taic agus dìon do na structaran gu h-àrd.

Tha sgrùdadh Horatio MhicCullaich ann an 1854 air an tobhta bhon ear a' cur ris na beagan sanasan ailtireachd a tha fhathast ann, mar thoradh air goid-chlachan agus buaidh nan dùl. Nithear a-mach gun robh tùr le ballachan 1.5 m a leud agus co-dhiù 3 làir na sheasamh aig ceann sear na làraich. Bha taigh-còmhnaidh na b' anmoiche bho dheireadh an t-16mh no toiseach an t-17mh linn na shuidhe aig ceàrn ceart ris an tùr, ged is dòcha gun robh an tùr mu thràth air a sgrios an uair sin. 'S dòcha gun robh sreath eile thoglaichean air an taobh shiar, bho àm na bu tràithe, a' cuartachadh cùirt.
Mar a bha Dùn Sgàthaich, a tha cuideachd ann an Slèite, bha Caisteal a' Chamais an lùib na còmhstri eadar Clann MhicLeòid agus Clann Dòmhnaill. Bha sealbh aig Clann MhicLeòid air suas gu tràth san 15mh linn, nuair a fhuair Clann Dòmhnaill Shlèite làmh an uachdar san sgìre. An dèidh do shaighdearan Rìoghail buaidh fhaighinn air ann an 1431, chan eil an còrr air a chlàradh mu shealbh a' chaisteil airson faisg air ceud bliadhna. Tha e a' togail ceann a-rithist 's e fhathast fo smachd nan Dòmhnallach, gus an deach arbhartachadh leis a' Chrùn tràth anns na 1580an. Chaidh a thilleadh ann an 1596 air chumha gum faodadh a chleachdadh mar àite-còmhnaidh Rìoghail nam feumadh, agus 's dòcha gu bheil an taigh-còmhnaidh bhon àm seo. Cha deach a chleachdadh riamh airson luchd-tadhail Rìoghail agus 's ann bho 1632 a tha an clàradh mu dheireadh gun robh daoine a' fuireach sa chaisteal. Ro 1689 bha an làrach air a fàgail 's gu luath a' dol ann an droch staid.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal a' Chamais, Slèite

INBHIR NIS: Slèite

caistealan; An Cnoc; Baigh a' Chnuic; tobhtaichean; Cnòideart

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards