Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ionad Clann Dòmhnail agus Caisteal Armadail
EXTERNAL ID
HCD_CARD_268
ÀITE
Armadal
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T.G. Godfrey
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13044
KEYWORDS
caistealan
Dòmhnallaich
Clann MhicDhòmhnaill
Am Morair Dòmhnallach
gàraidhean
Clan Donald Centre and Armadale Castle

Ann an 1790, dh'iarr a' chiad Mhorair Dòmhnallach gum biodh taigh mòr air a thogail aig Armadal ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh cur ris an taigh leis an dealbhadh aig Seumas Gilleasbaig Greumach ann an 1815 agus le sin, chaidh Caisteal Armadail a stèidheachadh. Ann an 1855, chuir teine às do mhòran den togalach a bh' ann bho thùs. Chaidh an earrann meadhan a chithear an-diugh a thogail an àite pàirt den togalach a chaidh na theine. 'S e Dàibhidh Bryce a dhealbh sin. Dh'fhàg teaghlach nan Dòmhnallach an caisteal ann an 1925 agus ghluais iad gu taigh na bu lugha faisg air làimh. Dh'fhuirich an caisteal na chathair Dòmhnallaich Shlèite gus an deach a cheannach le Urras Clann Dòmhnaill ann an 1971.

Chaidh an togalach a thoirt às a' chèile air adhbharan sàbhailteachd ann an 1980 agus chan eil air fhàgail an-diugh ach aghaidh an togalaich. Tha an gàrradh brèagha fhathast na tharraing do luchd-turais cho math ri Taigh-tasgaidh nan Eilean agus an Seòmar-rannsachaidh a chaidh a thogail ann an 2002.

Dealbh le T.G Godfrey.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ionad Clann Dòmhnail agus Caisteal Armadail

INBHIR NIS: Slèite

1980an

caistealan; Dòmhnallaich; Clann MhicDhòmhnaill; Am Morair Dòmhnallach; gàraidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards