Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Àird a' Bhàsair, Slèite, Lios an Eilein Sgitheanaich
EXTERNAL ID
HCD_CARD_273
ÀITE
Àird a' Bhàsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13049
KEYWORDS
taighean-òsta
taighean-sinnse
Ardvasar Hotel, Sleat, in the Garden of Skye

Chaidh Taigh-òsta Àird a' Bhàsair a thogail tràth san 18mh linn mar taigh-sinnse. Is e fear de na taighean-òsta às sine san sgìre a th' ann agus tha e air a charactar a chumail fad nam bliadhnaichean.

Gu tric, canaidh daoine "Lios an Eilein Sgitheanaich" ri Slèite a chionn 's gu bheil tòrr dhiofar sheòrsaichean chraobhan is phreasan a' fàs ann. Chan eil teagamh sam bith ann nach eil coltas gu math eadar-dhealaichte aig Slèite ri ceann a tuath an Eilein.

Tha baile Àird a' Bhàsair air ceann an ear-dheas an eilein agus i suidhichte air Linne Shlèite mu choinneimh seallaidhean brèagha Chnòideart is Mhòrar. Tha cidhe Armadail beagan a tuath air Àird a' Bhàsair agus bhiodh luchd-siubhail air stiomairean a bhiodh a stad ann a' dol don taigh-òsta agus a chionn 's gum b' urrainnear am bàta fhaicinn agus e a' tighinn a-steach don chidhe, b' urrainn do luchd-siubhail feitheimh anns an taigh-òsta gus am biodh am bàta aca air tighinn a-staigh.

Tha an t-slighe aiseig eadar Armadal is Malaig fhathast trang leis an fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol "over the sea to Skye" cho math ri daoine a ceann a deas an Eilein a tha ag iarraidh a dhol gu tìr-mòr.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Àird a' Bhàsair, Slèite, Lios an Eilein Sgitheanaich

INBHIR NIS: Slèite

1950an

taighean-òsta; taighean-sinnse

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards