Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta agus baile Àird a' Bhàsair
EXTERNAL ID
HCD_CARD_274
ÀITE
Àird a' Bhàsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13050
KEYWORDS
taighean-òsta
croitearachd
Ardvasar Hotel and Village

Cha tiormaich na h-adagan ri aghaidh na deilbh agus latha cho fliuch ann mar a chithear san deilbh seo de Thaigh-òsta Àird a' Bhàsair a chaidh a thogail anns na 1930an. Tha am mullach-bog aig a' chàr a tha air beulaibh an taigh-òsta sìos ach tha bonaidean agus còtaichean-froise air na daoine a tha a' feitheimh ri taobh a' bhalla agus tha e coltach gu bheil iad an dùil gum bi barrachd uisge ann. Tha an rathad tana a' dol gu deas thairis air a' chnoc mu cheithir mìle gu ceann an rubha, Àird Shlèite. Chithear an Oifis Puist de dh'iarrainn phreasach air taobh chlì na deilbhe.

Chaidh Taigh-òsta Àird a' Bhasair, air a bheil coltas car ropach san deilbh seo, a thogail tràth san 18mh linn mar taigh-sinnse. Is e fear de na taighean-òsta às sine san sgìre a th' ann agus tha e air a charactar a chumail fad nam bliadhnaichean.

Gu tric, canaidh daoine "Lios an Eilein Sgitheanaich" ri Slèite a chionn 's gu bheil tòrr dhiofar sheòrsaichean chraobhan is phreasan a' fàs ann. Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil coltas gu math eadar-dhealaichte aig Slèite ri ceann a tuath an Eilein.

Tha baile Àird a' Bhàsair air ceann an ear-dheas an eilein agus i suidhichte air Linne Shlèite mu choinneimh seallaidhean brèagha Cnòideart is Mhòrar. Tha cidhe Armadail beagan a tuath air Àird a' Bhàsair agus bhiodh luchd-siubhail air stiomairean a bhiodh a stad ann a' dol don taigh-òsta agus a chionn's gum b' urrainnear am bàta fhaicinn agus e a' tighinn a-steach don chidhe, b' urrainn do luchd-siubhail feitheimh anns an taigh-òsta gus am biodh am bàta aca air tighinn a-staigh.

Tha an t-slighe aiseig eadar Armadal is Malaig fhathast trang leis an fheadhainn a tha ag iarraidh a dhol "over the sea to Skye" cho math ri daoine a ceann a deas an Eilein a tha ag iarraidh a dhol gu tìr-mòr.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta agus baile Àird a' Bhàsair

INBHIR NIS: Slèite

1930an

taighean-òsta; croitearachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards