Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Àird, Linne Shlèite, An t-Eilean Sgitheanaich
EXTERNAL ID
HCD_CARD_280
ÀITE
Àird Shlèite
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13056
KEYWORDS
drochaidean
frith-rathaidean
Taigh-solais Rubha Shlèite
Aird Glen, Sound of Sleat, Isle of Skye

Tha an t-slighe eadar an t-seann eaglais ann an Àird Shlèite agus Rubha Shlèite, fìor cheann a deas an Eilein Sgitheanaich, mu cheithir km a dh'fhaid. San deilbh seo, chithear tè de na dà dhrochaidean a tha a' dol thairis air an allt a tha a' drèanadh a-mach à Loch Araisg. Agus e air a chuairteachadh le eunlaith agus flora gu leòr, tha am frith-rathad a' dol gu tobhtaichean taighean-croite bho na 1850s faisg air Acarsaid an Rubha cho math ri bàgh ciùin Camas Daraich agus taigh-solais Rubha Shlèite. Chaidh an taigh-solais tùsail a thogail ann an 1934 ach chaidh tùr concrait ùr le solas cumhachd-grèine a chur na àite ann an 2003. Air deagh latha, chithear deagh sheallaidhean air gach taobh: Loch Nibheis, Mòrar agus Mùideart don ear agus don ear-dheas, an Cuiltheann don iar-thuath agus Eilean Rùma is Eige don iar agus iar-dheas.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Àird, Linne Shlèite, An t-Eilean Sgitheanaich

INBHIR NIS: Slèite

drochaidean; frith-rathaidean; Taigh-solais Rubha Shlèite

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards