- TIOTAL
- Caol Àcainn
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_284
- ÀITE
- Caol Àcain
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13059
- KEYWORDS
- MV Loch Shìophort
post
caragò
an t-òb
làthach

Anns a' chairt-phuist seo, chithear Caol Àcainn agus an cidhe air latha samhraidh. Tha dà bhàta nan laighe air acair air cùl a' chidhe agus a' chionn 's gu bheil muir-tràigh ann, chithear talamh fliuch an Òib. Tha an t-inbhir seo na dheagh àrainneachd airson lusan mar an 'sea thrift' agus 'sea milkwort' cho math ri bhith na làrach-biathaidh airson diofar sheòrsaichean eòin ghrunnachaidh is eòin fhiadhaich eile. Tha busaichean a' feitheamh air a' chidhe ris a' bhàta-aiseig à Caol Loch Aillse gus luchd-siubhail a thoirt gu diofar àiteachan san Eilean Sgitheanach.
Ann an 1811, bha moladh aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh. Choimisean e James Gillespie Graham gus planaichean a dhealbhadh airson a' bhaile le taighean mòra, stìoballan agus sràidean le ainmean mar Mews Lane agus King Street. Bha làrach a' bhaile ùir suidhichte ann an deagh àite gus feum a dhèanamh air na slighean luingeis agus air gnìomhachas an iasgaich. Cha deach ach beagan thaighean a thogail mus deach plana a' Mhorair Dhòmhnallaich a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann. Chaill luchd-tasgaidh an t-airgead a bha iad air cur a-steach don sgeama. Bliadhnaichean às dèidh seo, tha Caol Àcainn air a bhith gu math soirbheachail mar thoradh air gnìomhachas an sgadain. Bha ceithir taighean ciùirigidh ann, a bhiodh a' glanadh agus a' sailleadh sgadan is gan cur ann am baraillean airson a dhol gu margaidhean aig ann an Glaschu agus nas fhaide a deas.
Is e an MV Loch Seaforth a th' anns a' bhàta-smuid a chithear ann an Loch Aillse. Chaidh a thogail le William Denny & Bros Ltd, agus chaidh a chur air bhog ann an 1947. Thòisich an Loch Seaforth air an t-slighe puist eadar Caol Loch Aillse agus Steòrnabhagh san Dùbhlachd 1947. B' i a' chiad bàta aig companaidh Mhic a' Bhruthainn a fhuair goireasan rèidear. Dh'fhurich i air an t-slighe seo gu 1972 nuair a chaidh a cur air an t-slighe eadar an t-Òban, Colla, Tìoradh, Barraigh agus Loch Baghasdail. Gu mì-fhortanach, cha do mhair i ro fhada air an t-slighe oir bhuail i ann an creag eadar Colla is Tìoradh. Chaidh a tollachadh fon t-seòmar-einnsein agus 's ann air èiginn a ràinig i Bàgh Ghot agus an uair sin chaidh i fodha. Chaidh a chur air bhog a-rithist agus chaidh a slaodadh don Truthail far an deach a briseadh.
Tha an Seaforth a' fàgail a' chidhe ann an Caol Loch Aillse. Chaidh an rathad-iarainn a leudachadh bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse ann an 1897 agus dh'fhàs am baile gu luath. Chuir am bàta-aiseig eadar an Caol air tìr-mòr agus Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach ris an ìre de thrafaig is de sheirbheisean san dà àite. Nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilean Sgitheanaich ann an 1995, ge-tà, chaidh am prìomh rathad seachad air Caol Àcainn agus rinn seo cron air turasachd anns a' bhaile. A dh'aindeoin seo, tha am baile air obair mhòr a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach tèid luchd-turais seachad air an àite tro bhith a' coimiseanachadh obraichean-ealain, slighean-coiseachd agus tro bhith a' sanasachadh a' chala bhrèagha
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives