Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgaich Bhradain Ratharsair aig Caisteal Bhròchaill
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_003
ÀITE
Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13062
KEYWORDS
iasgach a' bhradain
companaidhean iasgaich
Eilean Ratharsair
bradan
caistealan
iasgach
lion
liontan
lìn
steiseanan iasgaich
Raasay Salmon Fishing Crew at Brochel Castle

San dealbh-chamara seo chithear stèisean iasgaich a' bhradain ann an Caisteal Bhròchaill air cost an ear thuath Eilein Ratharsair. Ag obair às an steisean seo bhiodh an sgioba de cheathrar a' frithealadh nan lìon-poca faisg air a' Bhròchaill agus Hàlaig. Tha lìon-poca ga cheangal ris an tràigh agus ga acrachadh a-muigh san uisge. Bhiodh bradan a bha a' snàmh sìos a' chost a' coinneachadh an lìon-toisich, air a chur aig ceart-cheàrn ris an tràigh, agus a' snàmh suas am fosgladh gu ruig am poca far an deidheadh a ghlacadh.

Bhiodh an tràigh seo iomchaidh mar àite cur air bhog no tràigheadh aig geòlannan nan tòn còmhnard a bha air an cleachdadh gu mòr san sgìre seo.'S e a' gheòla (no 'coble') bàta traidiseanta a tha fìor mhath san t-seòrsa iasgaich seo. Tha am bonn còmhnard agus an toiseach àrd a' leigeil leis a' bhàta seòladh gu sàbhailte ann am muir garbh agus a' leigeil leis a bhith air cur air bhog on tràigh ged nach biodh ach glè bheag de dh'fhasgadh ann. Air a' mhuir tha iad glè stòlda nuair a tha tarraing a' dol no gluasad acraichean, lìn no uidheam eile.

'S e am bàta san dealbh BRD75, 'Dun Caan', clàraichte san Àth Leathainn. Chaidh a thogail ann an 1957 do Chompanaidh Bhradain na Gàidhealtachd an Iar, 's cinnteach le fear-togail nam bàta a bha san sgìre, Raibeart Sutharlanach. Chaidh a' gheòla a reic còmhla ris a' chompanaidh ann an 1962. Sguir a chlàrachadh mar bhàta-iasgaich ann an 1986.

Air an tràigh tha pasgan de bhothagan far am biodh iasgairean a' fuireach no far am biodh iad a' glèidheadh nan lìon agus uidheam eile tro sheusan an t-samhraidh. Ri taobh nam bothagan tha sreath de phòlannan àrda far am biodh iad a' crochadh lìn a' bhradain nuair a bhiodh feum orra air glanadh no càradh.

Air taobh clì stèisean a' bhradain tha tobhtaichean Chaisteal Bhròchaill a tha cho coltach ris na creagan mun cuairt air. Tha iad ag ràdh gun deach an caisteal a thogail le Calum MacGilleChaluim, am mac a b' òige a bh' aig Calum MacLeòid, 9mh ceann-cinnidh Clann 'IcLeòid Leòdhais.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgaich Bhradain Ratharsair aig Caisteal Bhròchaill

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an; 1960an

iasgach a' bhradain; companaidhean iasgaich; Eilean Ratharsair; bradan; caistealan; iasgach; lion; liontan; lìn; steiseanan iasgaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd