Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgaich Bhradain Rigg
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_005
ÀITE
Rigg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13063
KEYWORDS
geolannan
geola
bataichean iasgaich
taigh-deigh
comhdhail
deilbh eathraichean
clincear
sùdhan
Rigg Salmon Fishing Crew

B' e fear de stèiseanan iasgach a' bhradain a bh' aig Seumas Banks am fear ann an Rigg (An Ruige?), air cost an ear Rubha Thròndairnis air an Eilean Sgitheanach. Tha dealbh an seo den sgioba de cheathrar a bh' aige. Tha pòlannan fiodha air an càradh air na creagan còmhnard, rèidh gus am bi e nas fhasa a' gheòla a tharraing suas às an uisge.'S e a' gheòla (no 'coble') bàta traidiseanta, togte le dèileannan nan sùdh, no clincear, agus le toiseach àrd agus bonn còmhnard air. Dh'fhàg seo iad glè fhreagarrach ri muir gharbh an àite, ach cuideachd ghabhadh an stiùireadh gu furasta timcheall air na sgeirean is na tràighean creagach. Air a' mhuir bha iad glè stòlda nuair a bhiodh iad a' tarraing a-steach nan lìon no nan acair agus bha pailteas rùm annta far an cuireadh na fir an t-iasg agus an uidheam aca.

Ann an cuid de na stèiseanan bha cuid bhothagan-fuirich sìmplidh ann far am biodh sgioba uaireannan a' fuireach na h-oidhche. Sheòladh bàta na bu mhotha, mar bu trice an 'Nereid', à Port Rìgh a' toirt leis deigh agus stuthan sholair. Bhiodh e a' togail air falbh a' bhradain ùr-ghlacte agus ga thoirt air ais a Phort Rìgh far am biodh e air a stòradh gus an deidheadh a thogail bhon Eilean Sgitheanach a dhol dhan mhargaid.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgaich Bhradain Rigg

INBHIR NIS: Snìothasort

1950an; 1960an

geolannan; geola; bataichean iasgaich; taigh-deigh; comhdhail; deilbh eathraichean; clincear; sùdhan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd