Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgaich Bhradain Rigg
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_006
ÀITE
Rigg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13064
KEYWORDS
Tolm
eilean
geòlannan
geòla
bàtaichean iasgaich
taigh-deighe
còmhdhail
deilbh eathraichean
clincear
sùdh
Rigg Salmon Fishing Crew

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail far chost an ear thuath Rubha Thròndairnis air an Eilean Sgitheanach. Tha an sgioba de cheathrar o stèisean iasgach a' bhradain ann an Rigg (An Ruige?) a' tighinn taobh a' bhàta na bu mhotha, an 'Nereid'.

Aig gach stèisean a' bhradain bha cuid bhothagan-fuirich sìmplidh ann far am biodh sgioba uaireannan a' fuireach tron t-seachdain, a' toirt sùil air lìn a' bhradain iomadh turas air an là. Sheòladh an 'Nereid' gu ruig stèiseanan a' bhradain, a' toirt leis deigh, lìontan agus stuthan sholair agus a' toirt air falbh a' bhradain ùir air ais gu Port Rìgh mus deidheadh a thogail bhon Eilean Sgitheanach.

Gach là mu seach sheòladh an 'Nereid' gu ruig Stafainn agus na stèiseanan san Ruige agus ann an Leathallt, agus an ath là gu ruig stèiseanan Ratharsair. Bha an 'Nereid' ro mhòr airson a thoirt a-steach don tràigh airson luchdachadh, 's mar sin dh'fheumadh na stuthan sholair agus am bradan a bhith air an cur a-null 's a-nall do na geòlannan na bu lugha air muir. Pìos às chithear Eilean Tholm. A rèir beul-aithris 's dòcha gur ann an sin a tha 'Tìr nan Òg', tìr nan daoine marbha nach fhàsadh aost'.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgaich Bhradain Rigg

INBHIR NIS: Snìothasort

1950an; 1960an

Tolm; eilean; geòlannan; geòla; bàtaichean iasgaich; taigh-deighe; còmhdhail; deilbh eathraichean; clincear; sùdh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd