Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Iasgach a' Bhràighe An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_009
ÀITE
Am Bràighe
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13066
KEYWORDS
bradan mara
gelannan
togail bhàtaichean
taigh deigh
taigh deighe
clincear
clioncar
clàrachadh bhàtaichean
Braes Salmon Fishing, Isle of Skye

San dealbh-chamara seo chithear feadhainn de sgioba-iasgaich a' bhradain sa bhàgh ann am Bail' Meadhanach, sa Bhràighe, gu deas air Port Rìgh. Ann am bliadhnaichean tràtha cùmhnant-màil a' bhradain bha stèiseanan ann an Camas Tianabhaig agus ann am Bail' Meadhanach. Ach ann an 1956 cha robh ach aon sgioba ag obair an dà stèisean. Mar bu trice bhiodh iad a' frithealadh sia lìn-poca eadar an dà sgìre. Bhiodh bradan a bha a' snàmh sìos a' chost a' coinneachadh an lìon-toisich, air a chur aig ceart-cheàrn ris an tràigh, agus a' snàmh suas am fosgladh gu ruig am poca far an deidheadh a ghlacadh.

'S e a' gheòla a tha san dealbh seo am 'Marie'. Air a thogail ann an Obar Dheathain ann an 1932, bha am 'Marie' air a bhith 'g obair san Òban mus deach a cheannach le Companaidh Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr., agus clàraichte mar BRD458. Chaidh an clàrachadh seo a dhùnadh do dh'iasgach sa Mhàrt 1986.

Bha an t-seòrsa bàta seo, a' gheòla, no 'coble', dèanta le dèileannan nan sùdh no clincear, air a dheilbh le toiseach àrd agus bonn còmhnard air. Dh'fhàg seo iad stòlda, calma sa mhuir far nan eilean agus ghabhadh an stiùireadh gu furasta timcheall air na sgeirean is na tràighean creagach. Bha iad cuideachd stòlda nuair a bhiodh iad a' tarraing a-steach nan lìon no nan acair agus bha pailteas rùm annta far an cuireadh na fir an t-iasg agus an uidheam aca. Bha am proipeilear glè thric na shuidhe am broinn slige a' bhàta gus am faodadh am bàta slìobadh os cionn nan lìn agus nach deidheadh e an sàs annta.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Iasgach a' Bhràighe An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an; 1960an

bradan mara; gelannan; togail bhàtaichean; taigh deigh; taigh deighe; clincear; clioncar; clàrachadh bhàtaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd