Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean-iasgaich nan Lìon-chruinn
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_012
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13069
KEYWORDS
iasgach
gnìomhachas an iasgaich
sgadan
clann-nighean an sgadain
cogadh
cogaidhean mòra
iasg giullaichte
bàtaichean-iasgaich
Ring Net Herring Boats

San dealbh-chamara seo chithear bàtaichean nan lìon-chruinn a bhiodh ag iasgach an sgadain 's iad air an ceangal aig cidhe Phort Rìgh, agus Beinn Tianavaig agus Ratharsair pìos às. Bhiodh na bàtaichean seo ag obair ann an càraid, le fear dhiubh a' cur nan lìon, a bha dèanta le pìosan clàir agus sgiathan. Bhiodh an dà bhàta a' seòladh gu socair a dh'ionnsaigh a chèile, a' fàgail na lìn ann an cruth cruinn agus an sgadan air a ghlacadh na bhroinn.

B' e an t-iasgach gnìomhachas a bha air leth deatamach a thaobh obair do dhaoine air a' chost an iar. Bha obair ann dhan dà chuid, na fireannaich a bha ag obair air na bàtaichean, agus na boireannaich, aig nach robh mòran chothroman fasdaidh ann, a bhiodh an sàs ann an cutadh is pacadh an sgadain. Bha siostam rèile ann mar-thà gu puirt air taobh a tuath 's taobh an iar na h-Alba agus mar sin bha an sgadan a' falbh gu sgiobalta chun nam margaidean. Bha an gnìomhachas aig ìre a b' àirde mu 1907 nuair a tha aithris gun deach 250,000 tunna de sgadan giullaichte a chur a-null. Às dèidh an dà Chogadh mhòir thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean-iasgaich nan Lìon-chruinn

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an; 1960an

iasgach; gnìomhachas an iasgaich; sgadan; clann-nighean an sgadain; cogadh; cogaidhean mòra; iasg giullaichte; bàtaichean-iasgaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd