Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Memoirs of a Highland Lady' (1)
EXTERNAL ID
AB_LL_ELIZ_GRANT_01
ÀITE
Ràta Mhurchais
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Elizabeth Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1307
KEYWORDS
leabhraichean latha
luchd-sgrìobhaidh
fèin-eachdraidhean
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o chaibideil naoi de fèin-eachdraidh Ealasaid Ghrannd o Ràta Mhurchais 'Memoirs of a Highland Lady', foillsichte an toiseach an 1897. Tha e air a leughadh an seo le Sue Skelton.

'The small farms in Rothiemurchus lay all about in various directions, most of them beautifully situated; the extent of the old forest was said to be sixteen square miles, and it was reckoned that about ten more were growing up, either of natural fir, or my father's planted larch. The whole lay in the bosom of the Grampians in a bend of a bow, as it were, formed by the mountains, the river Spey being the string and our boundary. The mountains are bare, not very picturesquely shaped, yet imposing from their size. Many glens run up them all richly carpeted with sweet grass peculiarly suited to the fattening of cattle, one or two of these ending in a lake dropped at the bottom of a screen of precipices. One pass, that of Larrig, leads to Braemar, Lord Fife's country, with whose lands and the Duke of Gordon's, ours march in that direction. Several rapid streams run through the forest, the smaller burnies rattling along their rocky beds to join the larger, which in their turn flow on to be lost in the Spey.'

Rugadh Ealasaid Ghrannd o Ràta Mhurchais ann an Dùn Èideann an 7mh Cèitein 1797, an leanabh a b' aosta den choignear chloinne aig Sir Peadar Grannd, uachdaran Ràta Mhurchais. Chuir i seachad a' chuid a bu mhotha de a h-òige air oighreachd an teaghlaich agus ann an Lunnainn, a' dol a-steach gu cearcall sòisealta Dhùn Èidinn ann an 1814. Thill an teaghlach a Ràta Mhurchais ann an 1820 agus bho mun cuairt air 1820 sgrìobh Ealasaid artaigilean agus sgeulachdan do dhiofar iris gus airgead a chur ri teachd-a-steach an teaghlaich.

Ann an 1827 ghluais an teaghlach gu Bombay far an do choinnich Ealasaid ris an duine a phòsadh i, an Còirneal Eanraig Mac a' Ghobhainn. Phòs iad agus thill iad a dh'Èirinn a' bhliadhna às dèidh siud, gus am fuiricheadh iad air an oighreachd aig a' chòirneal ann an cunntaidh Wicklow. Chùm Ealasaid oirre a' cosnadh airgid le bhith a' sgrìobhadh, agus ag àrach aig an aon àm a triùir chloinne, Sìne, Anna agus Iain. Eadar 1845 is 1854 sgrìobh i cuimhneachan prìobhaideach de na bliadhnaichean aice ann an Alba. Thàinig seo gu bhith a h-obair as ainmeil - 'Memoirs of a Highland Lady' - air fhoillseachadh agus air a ghearradh sìos le nighean a piuthar agus air a chlo-bhualadh an toiseach ann an1897.

Am measg a sgrìobhaidhean eile a chaidh foillseachadh às dèidh a bàis tha 'The Irish Journals of Elizabeth Smith, 1840-1850' (1980), 'The Highland Lady in Ireland' (1991), agus 'A Highland Lady in France' (1996). Bhàsaich an Leadaidh Grannd an 16 Samhain 1885 aig a dachaigh ann an cunntaidh Wicklow.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Memoirs of a Highland Lady' (1)

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

leabhraichean latha; luchd-sgrìobhaidh; fèin-eachdraidhean; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Elizabeth Grant