Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Phort Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_029
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13085
KEYWORDS
cidhe
calannan
iasgach a' bhradain
cìsean chidhe
comhairle sgìreil
Portree Pier

'S e am bàta a tha ceangailte aig an leathad-bhogaidh an 'Nereid' a fhuair ainm bho òighean beaga na mara a bhiodh a' cumail sùil air na seòladairean a bh' air cuantan garbha, a rèir nan sgeulachadan Greugach.

Chaidh an 'Nereid' a thogail ann an Tairbeart Loch Fìn ann an 1925. Bha a' chiad chlàradh aige do Thòmas Mac a' Mhuilneir, Port Rìgh, ann an 1931. Chaidh e an uair sin a reic gu cuideigin ann an Geàrrloch ann an 1944, clàraichte an sin mar UL36. Ann an 1946 chaidh a cheannach le Seumas Banks a thug air ais a Phort Rìgh e agus a rinn ath-chlàradh le àireamh an Àth Leathainn, BRD334. Chùm e 'dol an sin gu 1982 nuair a chaidh a reic gu neach-seilbh ùr ann am Beul Pheairt, Èirinn a Tuath.

Bhiodh an 'Nereid' air a cheangal aig an laimrig gus an luchdaidheadh 's a thogadh e dheth stuthan sholair, air am biodh cìsean chidhe rim pàigheadh. Bha na cìsean seo air an cur sìos le Rùnaire na Stàite, agus bhiodh iad a-rèir luach an èisg a bha glacte. Bhiodh Seumas Banks glè thric a' lorg rèiteachadh air na cìsean seo agus mar a bha a' phrìs a gheibheadh am bradan ag atharrachadh, a' fàgail a' ghnìomhachais na anacothrom leis.

Dh'aithnicheadh an duine air an taobh chlì : is esan Ailig MacNeacail, fear a bha a' ruith an 'Nereid' fad iomadh bliadhna.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Phort Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an; 1950an

cidhe; calannan; iasgach a' bhradain; cìsean chidhe; comhairle sgìreil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd