Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Deireadh seusan a' bhradain mara
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_034
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13090
KEYWORDS
lìn
lion-poca
iasgach Latha na Sàbaid
bradan
ràimh
bradan mara
gnìomhachas an iasgaich
iomramh
deigh
taighean-deighe
gearradh na deigh
End of sea salmon season

'S e 'deireadh an t-seusain' an tiotal a th' air an dealbh-chamara seo. B' ann bho fhada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean a-steach don t-Sultain a bha seusan a' bhradain san Eilean Sgitheanach a' dol. Air là socair 's e obair thlachdmhor a bhiodh ann an stèisean a sgioblachadh agus an uidheamh ullachadh airson a' gheamhraidh.

B' ann air tràighean Throndairnis agus Ratharsair a bha stèiseanan a' bhradain. Aig gach stèisean bha bothagan sìmplidh ann airson fuireach ann air neo far am biodh uidheam ga stòradh. Rud sam bith nach gabhadh fhàgail aig na stèiseanan fad a' gheamhraidh, bhiodh e air a thoirt a Phort Rìgh agus ga stòradh sna seadaichean ann am Bàgh an Ach an siud.

Chaidh cuid de na fir fhasdadh tro mhìosan a' gheamhraidh a dhol a ghearradh deigh san t-Slugan agus an taigh-deigh air cidhe Phort Rìgh a lìonadh leatha. Bhiodh fireannaich eile a' faighinn obair an siud 's an seo mar a b' urrainn dhaibh ach glè thric b' e obair an sgadain an obair a bu mhotha a bh' aca fad na bliadhna.

'S e dealbh-camara glè mhath a tha seo a' sealltainn nan geòla a bh' air an cleachdadh ann an gnìomhachas iasgach a' bhradain. Dh'fhàg an deilbh aca, le toiseach àrd agus an tòn rèidh, glè stolda, cothromaichte san uisge iad.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Deireadh seusan a' bhradain mara

1940an; 1950an

lìn; lion-poca; iasgach Latha na Sàbaid; bradan; ràimh; bradan mara; gnìomhachas an iasgaich; iomramh; deigh; taighean-deighe; gearradh na deigh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd