Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgach a' Bhradain, Leathallt, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_038
ÀITE
Rubha nam Bràithrean
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13094
KEYWORDS
iasgairean
bradan
uisge-beatha
manaich
ionadan arc-eolais
lorgan talmhainn
Lealt Salmon Fishing Crew, Isle of Skye

San dealbh-chamara seo chithear sgioba iasgach a' bhradain ann an Leathallt 's iad ri taobh an 'Nereid', am bàta a bheireadh leis deigh, lìn agus stuthan sholair à Port Rìgh gu na stèiseanan iasgaich agus a thogadh air falbh air ais am bradan ùr.

Tha Daibhidh Banks, mac Sheumais Banks, am fear aig an robh màl an iasgaich, air a ghlùinean air an 'Nereid' a' bruidhinn ris an sgioba sa bhàta nas lugha. Tha e coltach gu bheil Daibhidh dìreach air drama a thairgse don sgioba. Dh'aithnicheadh dithis den sgioba. 'S e Aonghas MacLeòid am fear le cheann na làmhan agus as fhaide don taobh dheas tha a bhràthair, Dòmhnall MacLeòid à Cùl nan Cnoc.

Pìos às chithear Rubha nam Bràithrean. Tha iad den bheachd gu robh coimhearsnachd nam manach an seo mu mhìle bliadhna air ais. Tha lorg ann air grùnn chearcaill bhothaig, ballachan agus àiteachadh na talmhainn. Às an rubha tha seallaidhean iongantach gu tuath gu Creag an Fhèilidh agus gun ear gu Eilean Rònaidh is tir-mòr.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgach a' Bhradain, Leathallt, An t-Eilean Sgitheanach

1940an; 1950an

iasgairean; bradan; uisge-beatha; manaich; ionadan arc-eolais; lorgan talmhainn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd