Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Daibhidh Banks
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_039
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
neo-aithnichte
SIORRACHD/PARRAIST
Neo-Aithnichte
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13095
KEYWORDS
gunnaichean
tanachadh bheathaichean
ròin
gnìomhachas a' bhradain
marbhadh bheathaichean
David Banks

San dealbh-chamara seo chithear Daibhidh Banks air an 'Nereid' a' cumail faire airson ròin. Bha na ròin a-riamh a' dèanamh dragh do ghnìomhachas iasgach a' bhradain air feadh Alba. Bha luchd-obrach sa ghnìomhachas sin ceadaichte smachd a chumail air àireamh nan ròn san sgìre aca fhèin. Sgrìobh Seumas Banks ann an litir gu an 'Salmon Net Fishing Association of Scotland' gur e dragh bhliadhnail a bha sna ròin agus gu robh feum aige fhèin a bhith a' dèanamh 'continuous war against them or our losses would be terrific'.

Chaidh cead a thoirt seachad le Roinn Taigheadais na h-Alba am puinnsean strychnine a cheannach. Cuideachd, bhiodh raidhfilean aig stèiseanan a' bhradain agus cead aca losgadh air na ròin. Sgrìobh Banks gum b' ann aig na sgìrean gintinn a b' èifeachdaich cur às do na ròin, ach bhon a bha an ròn glas air a dhìon tro sheusan a' ghintinn nach gabhadh seo dèanamh.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Daibhidh Banks

Neo-Aithnichte

1940an; 1950an

gunnaichean; tanachadh bheathaichean; ròin; gnìomhachas a' bhradain; marbhadh bheathaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd