Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgach a' Bhradain Mara, Leathallt
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_043
ÀITE
Leathallt
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1945
LINN
1940an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13099
KEYWORDS
iasgach
bradan
bradan mara
stèisean bhradain
lìn
lìontan
Tròndairnis
roinnean riaghaltais
Lealt Sea Salmon Fishing Crew

San dealbh-chamara seo chithear sgioba iasgach a' bhradain mara ann an Leathallt air Rubha Throndairnis san Eilean Sgitheanach. Chaidh fear dhiubh aithneachadh, Iain Camshron, an sgiobair, am fear a th' air an taobh chlì. B' e pàirt mhòr dhen obair an uidheam agus na bàtaichean a chumail ann an deagh òrdugh tron t-seusan. An seo tha na fir a' cur an acair agus slabhraidhean nan lìon a-steach gu teàrr airson an dìon bho uisge sàl. Faisg air làimh tha lianag ann far am biodh na lìn bhradain air an crochadh o na pòlaichean àrda gus an gabhadh an tiormachadh no an càradh.

'S e na togalaichean a chithear sa chùl na tha air fhàgail aig oibrichean an diatomite, pàirt dheth co-dhiù. Chaidh an Companaidh 'Skye Diatomite Kieselguhr Co' a thòiseachadh mu 1897, a-rithist, mu 1906, a' dol fon ainm 'British Diatomite Co'. 'S e mèinnir a th' ann an Diatomite - grùid a tha dèanta o mheanbh bharraig-uaine (no 'algae') a bha beairteach ann an soileaga (silica). Chaidh a chleachdadh gu malairteach a' dèanamh pùdar-gnùise, stuth lìonaidh agus dìonadh-on-teine. Chaidh Diatomite a mhèinneadh an seo an toiseach eadar 1886 agus 1904. Dh'fhuiling an gnothachas tro stiùireadh aineolach, duilgheadasan san dèanamh agus siostaman còmhdhail a bha neo-èifeachdach. Thàinig ath-bheothachadh air a' ghnìomhachas eadar 1951 agus 1961 ach le glè bheag pàighidh do luchd an airgid. Cha do shuidh iasgach a' bhradain agus oibrichean an diatomite còmhla ro shocair fad na h-ùine. Am meadhan nan 50an chaidh gearan a chur an aghaidh oibrichean an diatomite ag ràdh gu robh iad a' tilgeil salchair a-steach do Abhainn an Leathuillt, a' fàgail rud dearg sa bhàgh fad mhìltean agus a' milleadh glacadh a' bhradain. Chaidh aithisgean air seo gu Oifigearan Sgìreil an Iasgaich, gu Roinn an Àiteachais agus gu Fear-sgrùdaidh sgìreil na Slàintealachd.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgach a' Bhradain Mara, Leathallt

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1940an

iasgach; bradan; bradan mara; stèisean bhradain; lìn; lìontan; Tròndairnis; roinnean riaghaltais

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd