Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgach a' Bhradain Mara, Leathallt
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_044
ÀITE
Leathallt
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1946
LINN
1940an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13100
KEYWORDS
lìn-phoca
bradan
iasgach
geòla
geòlannan
sgioba iasgaich
aodach
Lealt Sea Salmon Fishing Crew

San dealbh-chamara seo chithear sgioba iasgach a' bhradain mara ann an Leathallt, mu 1946. Chaidh fear dhiubh aithneachadh, Iain Camshron, an sgiobair, am fear a tha na sheasamh air beulaibh nan ràmh agus a' coimhead ris a' chamara.

Bha sgioba de cheathrar no còignear ann an Leathallt. Bha cuid bhothagan-fuirich sìmplidh ann far am biodh sgioba uaireannan a' fuireach na h-oidhche agus far an stòradh iad lìn is uidheam eile. Gach là mu seach sheòladh a' phrìomh bhàta, an 'Nereid' à Port Rìgh a' toirt leis stuthan sholair agus a' toirt a bha a dhìth orra agus a' toirt air falbh a' bhradain ùir.

'S e geòla (no 'coble') le dèileannan nan sùdh, no clincear, a tha san eathar seo. Bha iad air an deilbh le toiseach àrd agus bonn còmhnard agus dh'fhàg seo iad glè fhreagarrach ris a' chost an iar. Air a' mhuir bha iad glè stòlda agus math airson an iasgaich nuair a bhiodh an sgioba a' tarraing lìn, èisg no acair.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgach a' Bhradain Mara, Leathallt

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1940an

lìn-phoca; bradan; iasgach; geòla; geòlannan; sgioba iasgaich; aodach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd