Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgach a' Bhradain, Stafainn
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_045
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1949
LINN
1940an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13101
KEYWORDS
bàtaichean
taighean deighe
iasgach
geòla
geolannan
steiseanan bhradain
bradan
Staffin Salmon Fishing Crew

San dealbh-chamara seo chithear a' gheòla a bh' aig sgioba iasgach a' bhradain ann an Stafainn. Tha e ri taobh bàta nas motha, 's dòcha an 'Nereid'. Am meadhan a' bhàta nas lugha tha bogsaichean-èisg fiodha làn de bhradan ùr-ghlacte. Gach là mu seach sheòladh an 'Nereid' à Port Rìgh gu ruig stèiseanan Stafainn no Ratharsair, a' toirt leis deigh, lìn agus stuthan sholair agus a' toirt air falbh a' bhradain ùir. Chuireadh iad am bradan san taigh-deigh air a' chidhe ann am Port Rìgh mus deidheadh a thogail bhon Eilean a dhol ga reic.

'S e geòla gun ainm a th' anns a' bhàta nas lugha. Bha na geòlannan seo, glè thric air an togail san sgìre, den stoidhle a bu trice a bh'aca ann an gnìomhachas a' bhradain mara. Dh'fhàg an deilbh aca, le toiseach àrd agus bonn còmhnard orra, gu robh iad furasta a tharraing suas air an tràigh, ach bha iad fhathast glè stòlda agus sàbhailte air a' mhuir nuair a bhiodh na fir a' tarraing a-steach nan lìon no nan acair.

Bha einnseanan aig cuid de na geòlannan mòra. Bha am proipeilear glè thric na shuidhe am broinn slige a' bhàta gus am faodadh am bàta siabadh os cionn nan lìn agus nach deidheadh e an sàs annta. Bha na geòlannan air an cur gu feum san obair làitheil leis na lìn agus aig stèiseanan a' bhradain agus bha am bàta na bu mhotha agus na bu luaithe a' seòladh o stèisean gu stèisean.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgach a' Bhradain, Stafainn

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1940an

bàtaichean; taighean deighe; iasgach; geòla; geolannan; steiseanan bhradain; bradan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd