Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Iasgach a' Bhradain, Ratharsair
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_048
ÀITE
Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13104
KEYWORDS
bradan
iasgach
geòla
geòlannan
sgioba iasgaich
aodach
West Highland Salmon Fishing Co
Raasay Salmon Fishing Crew

San dealbh-chamara seo chithear Daibhidh Banks a' bruidhinn ri feadhainn ann an sgioba iasgach Ratharsair. B' ann le Daibhidh agus athair, Seumas, a bha còirean iasgach a' bhradain mara san sgìre agus chuir Daibhidh seachad iomadh samhradh aige ag obair air na bàtaichean iasgaich.

Bha stèisean iasgaich Ratharsair faisg air Caisteal Bhròchaill air taobh an earthuath an eilein. Bhiodh an sgioba a' coimhead às dèidh ceithir lìn-phoca faisg air Bròchall agus dà phoit a bha beagan gu deas faisg air Hàlaig. Bhiodh bradan a bha a' snàmh sìos a' chost a' coinneachadh an lìon-toisich, air a chur aig ceart-cheàrn ris an tràigh, agus a' snàmh suas am fosgladh gu ruig am poca far an deidheadh a ghlacadh.

Cha robh san stèisean ach dà bhothaig far am biodh lìn agus uidheam air an glèidheadh agus lianag faisg air làimh far an crochadh iad na lìn airson an tiormachadh, an glanadh agus an càradh. San dealbh-chamara seo chithear an t-oilisgin fada a bhiodh air na h-iasgairean mar bu trice nuair a bhiodh iad air muir agus cuideachd chithear lìon air a thiùrradh ann an toiseach a' bhàta deiseil airson a chur.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Iasgach a' Bhradain, Ratharsair

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

bradan; iasgach; geòla; geòlannan; sgioba iasgaich; aodach; West Highland Salmon Fishing Co

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd