Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntann a' Chuilthinn o Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_052
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13108
KEYWORDS
beanntan
iasgach a' bhradain
geòla
bàtaichean
lìn-èisg
The Coolin Hills from Portree, Isle of Skye

Sa chairt-phostachd seo chithear sealladh air Cidhe Phort Rìgh agus sreath mhòr de bheanntan a' Chuilthinn pìos às. Tha an 'Nereid', am bàta a bhiodh aca ann an gnìomhachas iasgach a' bhradain mara san àite, air acair sa bhàgh.

Chaidh an 'Nereid' a thogail ann an Tairbeart Loch Fìn ann an 1925. Bha a' chiad chlàradh aige do Thòmas Mac a' Mhuilneir, Port Rìgh, ann an 1931. Chaidh e an uair sin a reic gu cuideigin ann an Geàrrloch ann an 1944, clàraichte an sin mar UL36. Ann an 1946 chaidh a cheannach le Seumas Banks a thug air ais a Phort Rìgh e agus a rinn ath-chlàradh le àireamh an Àth Leathainn, BRD334. Chùm e 'dol an sin gu 1982 nuair a chaidh a reic gu neach-seilbh ùr ann am Beul Pheairt, Èirinn a Tuath.

'S e geòlannan a tha san dà bhàta nas lugha a chithear sa bhàgh. Bha toiseach àrd agus bonn còmhnard orra agus dh'fhàg seo iad furasta a chur air bhog ann an uisge eu-domhainn agus air a' mhuir bha iad glè stòlda nuair a bhiodh na fir a' tarraing a-steach nan lìon no uidheam eile.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntann a' Chuilthinn o Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an; 1950an

beanntan; iasgach a' bhradain; geòla; bàtaichean; lìn-èisg

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd