Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_053
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13109
KEYWORDS
West Highland Salmon Fisheries
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
bàtaichean iasgaich
Portree Bay, Skye

Chaidh an dealbh-camara seo airson cairt-phostachd a thogail air an tràigh ri taobh a' chidhe ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha am bàta a' 'Flora' air acair, 's dòcha aig deireadh latha ag iasgach. Chaidh am bàta tapaidh seo a thogail ann an 1895 ann an Tairbeart Loch Fìn. Chaidh a chlàradh ri Dòmhnall MacLeòid, Aranais, Ratharsair agus an uair sin a reic gu Teàrlach agus MacRath, Port Rìgh, ann an 1940. Chaidh ath-chlàradh den 'Flora' mar BRD115 a dhèanamh ri gnothachas MacDhòmhnaill ann an Stafainn.

Chan eil fios cinnteach an deach am bàta seo fhèin a chleachdadh le gnothachas a' 'West Highland Salmon Fisheries', 'Iasgaireachd Bhradan na Gàidhealtachd an Iar', ach bha an t-seòrsa bàta seo air a chleachdadh glè thric airson iasgaich san sgìre agus chaidh bàtaichean den aon seòrsa a thogail le luchd-togail nam bàtaichean san àite. Chaidh am 'Flora' a bhriseadh suas ann an 1987.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an; 1950an

West Highland Salmon Fisheries; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; bàtaichean iasgaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd