- TIOTAL
- Ach a' Bhàigh, Port Rìgh
- EXTERNAL ID
- HCD_DAVIDBANKS_054
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1950an; 1960an
- CRUTHADAIR
- James/David Banks
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13110
- KEYWORDS
- bradan mara
gnìomhachas an iasgaich
clincear
bàtaichean
togail bhàtaichean
clàrachadh bhàtaichean
acair
einnseanan bàtaichean

San dealbh-chamara seo chithear cuid den luchd-obrach a bh' aig Seumas Banks, neach-seilbh còirean iasgach a' bhradain mara timcheall air an Eilean Sgitheanach bho mheadhan nan 1940an gu tràth sna 1960an. B' ann ann an Ach a' Bhàigh, Port Rìgh a bha bunait a' ghnothachais. B' ann an seo a bha Seumas Banks a' fuireach agus siud far am biodh na bàtaichean, na lìn agus an uidheam air an stòradh ann an seadaichean fad a' gheamhraidh. 'S cinnteach gun deach an dealbh-camara seo a thogail as t-earrach nuair a bha na sgiobaidhean ag ullachadh airson an t-seusain ùir.
'S e am bàta a chithear an seo am 'Marie', geòla air a thogail le dèileannan clinceir. Bha an t-seòrsa bàta seo air a dheilbh le toiseach àrd agus bonn còmhnard air. Dh'fhàg seo iad stòlda, calma sa mhuir far nan eilean agus ghabhadh an stiùireadh gu furasta timcheall air na sgeirean is na tràighean creagach. Bha iad air an dèanamh gum biodh sgioba de dhithis no de cheathrar gan iomramh, ged a bha einnsean aca glè thric cuideachd. Bha am proipeilear na shuidhe am broinn slige a' bhàta gus nach deidheadh na lìn an sàs ann.
Chaidh am 'Marie' a thogail ann an Obar Dheathain ann an 1932. Bha i ag obair a-mach às an Òban mus deach a thoirt a Phort Rìgh airson iasgach a' bhradain. Bha druim 7.3 m air a bhonn agus Einnsean Kelvin Ricardo 15hp/le aige. Chaidh an clàrachadh BRD458 a dhubhadh às sa Mhàrt 1986.
'S i an nighean òg a tha san dealbh Màiri Anna NicNeacail, nighean aig fear de na h-iasgairean. Tha Aonghas MacLeòid na sheasamh air taobh clì Màiri Anna.
West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.
Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.
Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.
Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives