Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Càradh nan Lìon, Ach a' Bhàigh, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_056
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an; 1950an
CRUTHADAIR
James/David Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13112
KEYWORDS
bradan
gnìomhachasan an Eilein Sgitheanaich
beanntan
iasgach a' bhradain
croitearachd
càradh uidheam an iasgaich
lìontan
Mending nets, Bayfield, Portree

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig stèisean iasgach a' bhradain ann an Ach a' Bhàigh, Port Rìgh. Tha an sgioba a' glanadh 's a' càradh nan lìon, 's dòcha ag ullachadh airson seusan an iasgaich, air neo dìreach a' cumail an stuth ann an deagh òrdugh tron t-seusan.

Bhiodh na lìn air an sìneadh, air an togail air pòlannan gobhlach, mar a chithear sa bheul-thaobh an seo, air neo air an togail le ulagan gus an gabhadh an lìon gu lèir fhaicinn agus dhèanadh iad càradh air pìos sam bith a bha briste. Bhiodh na putan 's na cearcaill mhòra de ròpa cuideachd air an sgrùdadh agus air an càradh no bhiodh feadhainn ùra air an cur ann. On taobh chlì tha Niall Aonghas MacNeacail (Gafair - Fear nan lìon) Port Rìgh, Sandaidh (a Hearach) MacLeòid, Daibhidh Banks, mac neach-seilbh a' mhàil Seumas Banks, Pàdraig (Grey Hen) Whiteford, agus air an làimh dheis Calum MacMhathain, Port Rìgh.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Càradh nan Lìon, Ach a' Bhàigh, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an; 1950an

bradan; gnìomhachasan an Eilein Sgitheanaich; beanntan; iasgach a' bhradain; croitearachd; càradh uidheam an iasgaich; lìontan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd