Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Niall Mac a' Phearsain, 'Gleann Cuidheil', Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01251
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13126
KEYWORDS
gàrradh
Caol Loch Aillse
Cungaidhear
Neil Macpherson, Glenquithel, Kyle of Lochalsh

Tha Niall Mac a' Phearsain, mac Cungaidhear A' Chaoil, Donnchadh Mac a' Phearsain, a' gabbhail fois ann an gàrradh dachaigh an teaghlaich, 'Gleann Cuidheil', ann an Caol Loch Aillse. Bho bha e glè òg, tha Niall a' nochdadh ann am mòran de dheibh camara athair, oir bha e tric a' dol còmhla ri athair air turais coiseachd no baidhsagal san sgìre. Rugadh Niall ann an 1919 agus chaidh a thogail ann an Caol Loch Aillse, ach chaidh a mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth-chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus bha ùidh mhòr aige ann a bhith a' togail deilbh camara, agus chur e seachad mòraan de dh'ùine saor a' siubhal mun cuairt an sgìre a' clàradh seallaidhean-tìre agus seallaidhean de bheatha làitheil ann an coimhearsnachd A' Chaiol. Phòs Donnchadh Mairead NicÌomhair, nighean a bhuinneadh dhan sgìre, agus bha nighean aca, Màiri, a thuilleadh air am mac, Niall.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Niall Mac a' Phearsain, 'Gleann Cuidheil', Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an

gàrradh; Caol Loch Aillse; Cungaidhear

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)